Teachd-a-steach iomlan agus lom

'S e an teachd-a-steach iomlan na bhios tu a' cosnadh mus tig lùghdachadh sam bith bho do thuarastal.

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh air pàigheadh bunaiteach, còrr-ùine agus coimisean san earrainn air Teachd-a-steach ann an Nàiseanta 4 Gnìomhan Matamataigs - Teachd-a-steach.

Nuair a bhios a' Chìs-cosnaidh, Tabhartasan Àrachas Nàiseanta agus Peinnsein pàighte, bidh iad air an cur-ris agus bheir sin dhuinn na 'Lùghdachaidhean Gu lèir'.

Pàigheadh lom = Teachd-a-steach iomlan – Lùghdachaidhean gu lèir

'S e am Pàigheadh lom an t-airgead a bheir cuideigin leis 'dhachaigh'. Tha a' mhòr-chuid de theachd-a-steach a-nis a' dol gu dìreach a-steach do chunntasan-banca.

Move on to Test
next