Teachd-a-steach

Tha teachd-a-steach a' gabhail a-steach tuarastal, riadh bho chunntasan sàbhalaidh agus sochairean. San earrainn seo, bidh an cuideam air tuarastal agus na lùghdachaidhean bhon teachd-a-steach.

Cìs-cosnaidh

Tha cuibhreann-cìse aig a h-uile duine. Seo an t-sùim a dh'fhaodas tu a chosnadh mus bi agad ri cìs a phàigheadh. Bidh thu a' pàigheadh cìs air dad sam bith a choisinneas tu a bharrachd air a seo. Mar eisimpleir, ma choisinneas tu \pounds900 a bharrachd air a' chuibhreann-cìse, cha phàigh thu cìs ach air \pounds900. 'S àbhaist reat na cìse nochdadh mar cheudad.

Eisimpleir

Lewis £15000 Mark £36000 Charlotte £38700

Tha Lewis a' cosnadh \pounds15\,300 sa bhliadhna. Tha cuibhreann-cìse aige de \pounds10\,000.

Dè na bhios aige ri phàigheadh ann an cìsean ma tha an reat-cìse aig 20\%?

Freagairt

Pàigheadh cìs-bhuailteach = 15\,300\,–\,10\,000 = \pounds5\,300

Cìs ri pàigheadh  = 20\%\,de\,5\,300 = \pounds1\,060

Feuch na ceistean seo a-nis:

Question

Tha Mark a' cosnadh \pounds36\,000 sa bhliadhna. Tha cuibhreann-cìse aige de \pounds10\,000. Dè dh'fheumas e a phàigheadh ann an cìsean ma tha an reat-cìse aig 20\%?

Pàigheadh cìs-bhuailteach  = 36\,000\, –\, 10\,000 = \pounds26\,000

Cìs ri pàigheadh  = 20% de 26\,000 = \pounds5\,200

Question

Tha Charlotte a' cosnadh \pounds38\,700 sa bhliadhna. Tha cuibhreann-cìse aice de \pounds10\,000. Dè dh'fheumas i a phàigheadh ann an cìsean gach mìos ma tha an reat-cìse aig 20\%?

Pàigheadh cìs-bhuailteach  = 38\,700\,–\,10\,000 = \pounds28\,700

Cìs ri pàigheadh  = 20\%\;de\;28\,700 = \pounds5\,740

Cìs ri pàigheadh gach mìos  = 5740 \div 12 = \pounds478.33