Bàrdachd: Srath Nabhair

Question

Coimeas

10. Mìnich mar a tha am bàrd a' dèanamh coimeas eadar na Srathan agus sùilean boireannaich aig a bheil creideamh làidir aig deireadh an dàin.

Eisimpleirean de fhreagairtean

Tha am fraoch àlainn mar gum biodh a' leigheas nan lotan air an dùthaich. A-rithist tha meatafor brèagha ann a tha ag innse sgeul tùrsach – gu bheil an dùthaich air a dhol na fhàsach. Far an robh na daoine is fianais dhen bheatha is an t-strì aca tha i a-nis falamh.

Is iad na lotan an cron a rinneadh air na daoine, teaghlaichean/coimhearsnachd. (Chan eil seo tuilleadh follaiseach ach ann an duilleagan eachdraidh). Tha am fearann fhathast ann mar fhianais air na thachair a dh'aindeoin sin.

Tha creideamh na caillich cho làidir 's gun lean i oirre a dh'aindeoin mar a dh'èirich dhi – coltach ris na srathan a chunnaic rudan cho uabhasach aig àm nam fuadaichean. Tha iad air sin a chur air falach.

Question

Adhbhar agus Teachdaireachd

11(a). Cò tha am bàrd a' càineadh san dàn seo, nad bheachd fhèin? Inns carson a tha thu den bheachd seo.

Eisimpleirean de fhreagairtean

Tha am bàrd ag ainmeachadh Pàdraig Sellar 's a sheòrsa. Le seo, tha sinn a' tuigsinn gu bheil am bàrd a' cur coire air Pàdraig Sellar fhèin agus air feadhainn eile a bha an sàs ann am fuadaichean Srath Nabhair, a leithid uachdaran na sgìre.

Dh'fhaodadh gu bheil am bàrd a' cleachdadh na thachair ann an Srath Nabhair mar eisimpleir air na thachair air feadh na Gàidhealtachd agus gu bheil a chàineadh mar sin ag amas air uachdarain agus an fheadhainn a dh'obraich dhaibh a dh'adhbhraich na fuadaichean.

Question

11(b). Dè an teachdaireachd a tha sa bhàrdachd seo? Dè cho soirbheachail 's a tha am bàrd air aire an leughadair a thoirt don teachdaireachd seo?

Eisimpleirean de fhreagairtean

…is dòcha gu bheil am bàrd mothachail air am faothachadh a tha creideamh a' toirt do dhaoine ann an èiginn agus gu bheil spèis aige do dhaoine a tha a' creidsinn gu làidir ann an rudeigin.

Nach eil ar n-eachdraidh san t-saoghal ach goirid. (Tha sinne gu math beag ann an saoghal mòr).

Gum bu chòir dhuinn spèis a shealltainn do mhac an duine ge b' e cò iad.

Gum bu chòir dhuinn a bhith air ar nàireachadh nan tachradh leithid de rud a-rithist.

Gu bheil e ro anmoch airson na lotan seo a leigheas. Tha an cron air a dhèanamh.

Gun robh buaidh aig seo air eachdraidh nan Gàidheal agus air cultar na Gàidhlig.