Ceistean is freagairtean air bàrdachd: Srath Nabhair

Question

Taghadh-facail

7. Dè seòrsa cainnt a tha am bàrd a' cleachdadh aig oir bha nid aig eunlaith an adhair…? Carson a tha seo iomchaidh?

Eisimpleirean de fhreagairtean

Tha e a' cleachdadh an seòrsa cainnt a gheibheadh tu anns a' Bhìoball.

An seòrsa cainnt a gheibheadh tu ann an searmon neo bàrdachd spioradail/mar gun robh cuideigin a' cuimhneachadh na chuala e ann an searmon uair.

Tha seo a' freagairt air creideamh a bha air ainmeachadh roimhe.

Tha an eunlaith saor ach tha na daoine ann an grèim aig na h-ùghdarrasan. Tha e ceàrr nach do sheall iad spèis dhaibh.

Question

Coimeas

8. Dèan coimeas eadar a' chailleach agus na beathaichean a tha am bàrd ag ainmeachadh sa bhàrdachd. Dè a' bhuaidh a th' aig a' choimeas seo air an leughadair?

Eisimpleirean de fhreagairtean

Tha fasgadh aig gach beathach fiù 's an fheadhainn a fhuair àrach air an oighreachd. Tha barrachd chòirichean acasan na tha aig a' chaillich. Tha dachaigh aca.

Chan eil suim sam bith aca do bheatha na caillich.

Tha gach beathach na àite, is àite aige mar a tha nàdarra, is tha i a' briseadh lagh nàdair nach eil seo aig a' chaillich.

Tha truas againn rithe, is fearg gun deach dèiligeadh rithe mar seo.

Question

Pearsanachadh

9. Nad bheachd, carson a tha e a' bruidhinn gu pearsanta ris na Srathan aig toiseach pàirt 3?

Eisimpleirean de fhreagairtean

Mar a labhras ann an searmon eaglaise, a' pearsanachadh a-rithist rud nàdarra, (sìorraidheachd).

Tha am fearann fhathast ann a dh'aindeoin na thachair ann an eachdraidh.

Tha e a' toirt sùil orra mar gur ann air a bheulaibh a bha iad. Tha iad air fulang mar dhuine is tha e a' bruidhinn riutha gu pearsanta.