Ceistean is freagairtean air bàrdachd: Srath Nabhair

Question

Ìoranas

4. Mìnich mar a tha am bàrd a' cur ìoranas gu feum ann an loidhne 6.

Eisimpleirean de fhreagairtean

Tha barrachd ìoranais anns an t-siathamh loidhne far a bheil an teine na smàl agus an taigh air a thughadh ann am bleideagan sneachda. Tha tughadh a' dìon taigh bho dhroch shìde, a' toirt cofhurtachd dha na daoine a' fuireach ann ('sinn' - an iad fhèin bu choireach?).

Chan eil de mhullach air an taigh tuilleadh leis gun do loisg luchd-taic nan uachdaran e le fòirneart. Chan eil aca an seo ach taigh gun mhullach. Tha iad san fhuachd - gun dachaigh.

Tha i annasach cho brèagha is cho socair 's a tha an sneachd a' laighe air an tobhta 's i geal neochiontach. 'S e dealbh brèagha a th' ann airson tachartas uabhasach.

Question

Caractaran

5(a). Nad bheachd, cò "iad" san dara pàirt den bhàrdachd?

Eisimpleirean de fhreagairtean

Is iad an t-uachdaran is am maor a dh'iarr air na daoine an dachaighean fhàgail – daoine a bha còir a bhith coimhead às an dèidh/daoine anns an robh còir aca earbs a chur.

Question

5(b). Dè bha "iad" a' dèanamh an latha ud?

Eisimpleirean de fhreagairtean

'S e bha iad a' dèanamh a' cur ruaig air na daoine bochda bhon dachaighean (agus a' cur nan taighean nan teine gus nach deigheadh aca tilleadh annta).

A' toirt air daoine lag an dachaighean fhàgail gun àite aca ri dhol.

Question

Taghadh-facail

6. Nad bheachd, carson a tha litir mhòr air F san fhacal "Fìrinn"?

Eisimpleirean de fhreagairtean

'S e Fìrinn a' Bhìobaill a tha iad ag ainmeachadh an seo.

Facal Dhè a' stiùireadh dhaoine gu coibhneas/gràdh/iochd/gu bhith gan giùlain gu dòigheil mar Chrìosdaidhean.

'S e tha ceàrr nach eil iad idir a' sealltainn tuigse dhen chreideamh. Tha am bàrd a' cleachdadh ìoranas. Chan e gràs Dhè a tha seo.

Tha iad a' dèanamh olc na Ainm.