Ceistean is freagairtean air bàrdachd: Srath Nabhair

Question

Cuspair

1. Cò mu dheidhinn a tha a' bhàrdachd seo, nad bheachd? Inns carson a tha thu den bheachd seo.

Eisimpleirean de fhreagairtean

..mu na fuadaichean

..mu chreideamh

..mu eachdraidh nan Gàidheal…

..agus na ceanglaichean a tha eatorra.

Question

Ìomhaigheachd

2. Dè cho soirbheachail 's a tha an loidhne àirde na sìorraidheachd os ar cionn?

Eisimpleirean de fhreagairtean

'S e deagh ìomhaigh a tha seo a tha a' ceangal meudachd nan speuran (farsaingeachd nach gabh tomhas) agus àite na h-eachdraidh aca ann an sgeul na sìorraidheachd.

Tha na daoine beag, meanbh an taca ris.

Tha a h-uile duine fo na speuran agus fo smachd na tha an dàn dhaibh – tha gnothaichean os an cionn gan stiùireadh.

Question

Pearsanachadh

3. Carson a bha an rionnag a' priobadh riutha san treas loidhne?

Eisimpleirean de fhreagairtean

Tha am bàrd a' cleachdadh pearsanachadh an seo; an ìomhaigh bheothail dhe na lasairean ann an taigh athar (ceanglaichean ri ìomhaigheachd a' Bhìobaill) gu spòrsail a' freagairt priobadh na rionnaige.

Tha am pearsanachadh is dòcha a' sealltainn dhuinn gu bheil rudeigin neo cuideigin a' cumail sùil air na tha tachairt neo fiù 's a' stiùireadh ghnothaichean – an ìre mhath a' tarraing asta.

Dh'fhaodadh seo a bhith na thaic dhaibh neo na adhbhar uallaich dhaibh – a' dèanamh tàire orra nach eil smachd aca idir air na thachras dhaibh.

'S e ìoranas a th' ann gu bheil na h-ìomhaighean seo cho tarraingeach ach na tha iad a' riochdachadh cho uabhasach.