Bàrdachd: Srath Nabhair

  • Leugh a' bhàrdachd gu h-ìseal.
  • Tha a' bhàrdachd mu dheidhinn sgìre ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd air an tug na fuadaichean buaidh eagalach. Gheibh thu barrachd a-mach mun eachdraidh a tha air cùl na bàrdachd air an duilleag seo de Làrach nam Bàrd.

Srath Nabhair

by Ruaraidh MacThòmais
Anns an adhar dhubh-ghorm ud,
àirde na sìorraidheachd os ar cionn,
bha rionnag a' priobadh rinn
's i a' freagairt mireadh an teine
ann an cabair taigh m' athar
a' bhliadhna thugh sinn an taigh le bleideagan sneachda.
Agus siud a' bhliadhna cuideachd
a shlaod iad a' chailleach don t-sitig
a shealltainn cho eòlach 's a bha iad air an Fhìrinn,
oir bha nid ag eunlaith an adhair
(agus cròthan aig na caoraich)
ged nach robh àit aicese anns an cuireadh i a ceann fòidhpe.
A Shrath Nabhair 's a Shrath Chill Donnain,
is beag an t-iongnadh ged a chinneadh am fraoch àlainn oirbh,
a' falach nan lotan a dh'fhàg Pàdraig Sellar 's a sheòrsa
mar a chunnaic mi uair is uair boireannach cràbhaidh
a dh'fhiosraich dòrainn an t-saoghail-sa
is sìth Dhè na sùilean.

Freagair na ceistean a leanas le bhith a' cleachdadh fianais às an dàn.