Ralaidhean Nuremburg

Bha ralaidhean Nadsaidheach gan cumail gach bliadhna ann an raoin a thogadh a dh'aon ghnothaich ann an Nuremburg bho 1933. Bhiodh ceudan mhìltean Nadsaidhean, buill dhen Phàrtaidh nam measg, feachdan armaichte agus buidhnean òigridh aig na ralaidhean sin. Bha na ralaidhean nam propaganda airson sealltainn dha na Gearmailtich gun robh an dùthaich aca cumhachdach, air a deagh riaghladh agus gu tur fo smachd nan Nadsaidhean.

Ralaidhean Nuremberg
Ralaidhean Nuremberg

Aig Ralaidhean Nuremburg, bha:

  • Na Nadsaidhean ann an èideadh armailteach gun smal
  • Saighdearan a' mèarrsadh le brataichean agus le drumaichean nan cois
  • Caismeachdan le leusan solais
  • Òraidean bho Hitler agus Nadsaidhean cudromach eile
Òigridh Hitler a' mèarrsadh le drumaichean
Òigridh Hitler a' mèarrsadh le drumaichean
Move on to Test
next