Armailteachd

  • Bha na Nadsaidhean airson gum biodh a' Ghearmailt deiseil airson cogadh aig àm sam bith.
  • Bha iad an urra ri siostam an fhoghlaim airson fir òga ullachadh, an dà chuid nam bodhaig agus nan inntinn, airson seirbheis sna feachdan.
  • Bha Òigridh Hitler a' leasachadh sgilean tighinn-beò agus neart bodhaig.
  • Fhuair gnìomhachasan Gearmailteach ordain mhòr airson thancaichean, plèanaichean agus bàtaichean, a bharrachd air gunnaichean, bomaichean agus urchraichean.
  • Chaidh àireamh nan daoine a bha san arm suas bho 100,000 fear gu 1,400,000.
  • Thòisicheadh a' togail dhaoine dhan arm an aghaidh an toil ann an 1935.
Òigridh Hitler a' trèanadh
Buill de dh'Òigridh Hitler a' trèanadh

A' dèanamh a' Ghearmailt làidir a-rithist