Poileasaidhean eaconamach

Bha na Nadsaidhean airson dìth obrach a lùghdachadh agus a bhith ullaichte airson cogadh:

  • Thòisich na Nadsaidhean air prògram mòr de dh'obraichean poblach leithid togail agus càradh thaighean, rathaidean agus rèilichean.
  • Leis a' Ghearmailt a' togail suas nam feachdan armaichte aice, chaidh na mìltean obraichean a chruthachadh ann an iarann, stàilinn, togail phlèanaichean is bhàtaichean.

Ghabh na Nadsaidhean smachd air beatha luchd-obrach sna dòighean a leanas:

  • Bha stailcean air an toirmeasg.
  • Dh'fheumadh fireannaich òga a bhith ag obair ann an sgeamachan-obrach poblach airson greisean de 6 mìosan.
  • Chaidh saor-làithean is cur-seachadan a bu toigh leis na Nadsaidhean a thoirt do luchd-obrach dìleas.