Mì-chleachdadh dhrogaichean

Caochladh dhiofar sheòrsachan de dhrogaichean agus stuthan
Caochladh dhiofar sheòrsachan de dhrogaichean agus stuthan

Tha Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh a-mach gu bheil pàrantan a' dèanamh droch fheum de dhrogaichean a' toirt buaidh air eadar 40,000 agus 60,000 de chloinn. Faodaidh seo a bhith a' ciallachadh nach eilear a' coimhead an dèidh na cloinne ceart, no gu bheil iad a' fulang droch dhìol corporra agus a' fulang a thaobh an slàinte inntinn. Dh'fhaodadh seo buaidh mhaireannach a thoirt air an slàinte chorporra agus inntinne.

Tha e a' toirt buaidh air cothroman beatha chloinne ma tha iad air an togail ann an dachaigh far a bheil inbhich a' mì-chleachdadh dhrogaichean.

Tha mòran òigridh a' feuchainn dhrogaichean uair no uaireigin – rudan leithid tombaca, deoch-làidir agus cainb. Tha iad a' dèanamh seo air iomadh adhbhar. Tha an òigridh a bhios a' feuchainn dhrogaichean a' tighinn bho gach ceàrn dhen dùthaich agus bho gach seòrsa teaghlaich agus coimhearsnachd.

Mar a tha fìor mu gach seòrsa eucoir, tha cuid de rudan ann am beatha neach gam fàgail nas buailtiche a bhith a' gabhail dhrogaichean. Tha rudan leithid an seòrsa beatha a tha aca sna tràth bhliadhnaichean; an càirdeas a tha san teaghlach aca agus beachdan am pàrantan mu dhrogaichean uile a' toirt buaidh air cho buailteach 's a tha iad drogaichean fheuchainn.

Achd Ana-caitheamh Dhrogaichean (Misuse of Drugs Act)

Tha Achd Ana-caitheamh Dhrogaichean (Misuse of Drugs Act) ag ràdh gu bheil e an aghaidh an lagha:

  • a bhith a' giùlain dhrogaichean mì-laghail, co-dhiù a bheil no nach eil dùil agad an reic
  • drogaichean a reic, no tabhann an reic
  • leigeil le togalach a tha leat a bhith air a chleachdadh airson a bhith a' gabhail dhrogaichean

Tha drogaichean ann an Clas A, B agus C an aghaidh an lagha. 'S iad na drogaichean a tha ann an Clas A a thathar a' meas as cunnartaiche.

Clasaichean dhrogaichean agus peanasan
ClasaicheanDrogaicheanPeanasachadh airson a bhith gan reicPeanasachadh airson a bhith gan giùlain
Clas AEcstacy, LSD, hearoin, coicèan, crack, magic mushrooms, amphetamine (ma tha iad deiseil airson an gabhail tro shnàthaid)Suas ri binn beatha sa phrìosan no càin airgid de shuim sam bith no an dà chuidSuas ri seachd bliadhna sa phrìosan no càin airgid de shuim sam bith no an dà chuid
Clas BAmphetamines, methylphenidate (Ritalin) pholcodine, cainb, ketamineSuas ri ceithir bliadhna deug sa phrìosan no càin airgid de shuim sam bith no an dà chuidSuas ri còig bliadhna sa phrìosan no càin airgid de shuim sam bith no an dà chuid
Clas CCuid de dhrogaichean son cràdh, ciùineadairean, gamma hydroxybutrate (GHB)Suas ri ceithir bliadhna deug sa phrìosan no càin airgid de shuim sam bith no an dà chuidSuas ri dà bhliadhna sa phrìosan no càin airgid de shuim sam bith, no an dà chuid

Tha cumhachdan sònraiche aig Seirbheis Poileis na h-Alba daoine a stad; coimhead air na th' aca air am pearsa agus an cumail an grèim ma tha amharas reusanta aca gu bheil droga mì-laghail aca. 'S ann an Glaschu a tha Cùirt Dhrogaichean na h-Alba. Bidh i a' dèiligeadh ri daoine aig a bheil trioblaid maireannach le drogaichean, a' feuchainn rin cuideachadh airson cùl a chur ri drogaichean agus beatha ùr a dhèanamh dhaibh fhèin.

Move on to Test
next