Seòrsa eucoir

Eucoir air cuid dhuin' eile a' gabhail a-steach, bhandalachd, ionnsaigh, briseadh a-steach agus goid

Tha eucoir air cuid dhuin' eile a' gabhail a-steach na leanas:

  • bhandalachd (a' gabhail a-steach milleadh air carbadan agus togalaichean msaa)
  • gach eucoir co-cheangailte ri bhith a' goid charbadan (a' gabhail a-steach a bhith a' feuchainn ri carbad a ghoid no rud sam bith a ghoid à carbad)
  • briseadh a-steach a thaighean
  • a' goid à taighean (a' gabhail a-steach a bhith a' goid bhaidhsagalan)
  • a' goid rud sam bith bho chuideigin (chan eil seo a' gabhail a-steach mèirle)

Tha eucoir far a bheil fòirneart a' gabhail a-steach na leanas:

  • ionnsaigh
  • mèirle

Staitistigs eucoir

Ìomhaigh de dh'oifigearean poileis a' riochdachadh àireamhan eucoir iomlan

Tha eucoir chlàraichte aig an ìre as ìsle bho 1974. Tha ìrean eucoir ann an Alba air tuiteam sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, le 270,397 eucoirean air an clàradh le na poilis ann an 2013/14. Chan eil an àireamh seo a' gabhail a-steach eucoirean nas lugha, leithid eucoirean trafaig, me dràibheadh ro luath.

Ann an 2013/14, dh'fhuiling mu 17 sa cheud de dhaoine ann an Alba ri linn eucoir. Seo an àireamh as lugha a chaidh a chlàradh san dùthaich airson cha mhòr 40 bliadhna.

'S iad eucoirean eas-onair, me goid, as cumanta, a' dèanamh an àirde mu leth den àireamh iomlan. Às dèidh sin, b' e bhandalachd, a' gabhail a-steach a bhith a' cur rudan nan teine, as cumanta aig 20 sa cheud den àireamh iomlan.

Bha 59 murt agus 6,357 eucoirean fòirneirt nach robh ceangailte ri feise ann an Alba ann an 2014/15, an àireamh as ìsle airson iomadach bliadhna. Tha seo a' dol an aghaidh a' bheachd gu bheil fòirneart cumanta an Alba, le dìreach sia sa cheud de dh'eucoirean ceangailte ri fòirneart no feise.

Ann an 2012/13, bha reat fuasglaidh de 51.5 sa cheud air eucoir ann an Alba. Thuit seo gu 50.4 sa cheud ann an 2014/15.

Thàinig na staitistigs gu lèir san earrainn seo bho Riaghaltas na h-Alba, nas lugha na tha e ag ràdh a chaochladh.

Feumar a bhith faiceallach ann a bhith a' dèanamh cho-dhùnaidhean bho staitistigs eucoir. 'S e a-mhàin eucoirean air an tèid cunntas a thoirt dha na poileis a th' air an clàradh, agus chan e eucoirean a chaidh a dhèanamh. Ma tha ìre eucoir a' dol suas, 's dòcha gu bheil e a' ciallachadh gu bheil na poileis a' glacadh barrachd eucoraich agus nach e gu bheil barrachd eucoir a' tachairt. Tha an aon rud fìor an rathad eile.

Ma tha staitistigs eucoir a' dol suas, 's dòcha gu bheil e a' sealltainn gu bheil barrachd misneachd aig daoine sna poileis. 'S dòcha gu bheil eucoir mar ionnsaighean cinnidh agus ionnsaighean drabasta a' dol am meud, ach a-rithist 's dòcha gu bheil na h-àireamhan a' sealltainn gu bheil barrachd dhaoine ag innse dha na poileis mu dheidhinn air sgàth 's gu bheil barrachd misneachd aca ann an siostam ceartais na h-eucoir.