Adhbharan airson eucoir

A rèir faclair Oxford, 's e th' ann an eucoir: "An action or omission which constitutes an offence and is punishable by law."

Soidhne a' toirmeasg a bhith ag òl air an t-sràid
Soidhne a' toirmeasg a bhith ag òl air an t-sràid

'S e cùis dubh agus geal a tha anns an lagh. Chan eil 'barail' a' tighinn a-steach dhan chùis idir. Fhad 's a tha an comann-sòisealta ag atharrachadh, tha cuid de rudan a chleachd a bhith an aghaidh an lagha a-nis ceadaichte. San aon dòigh, tha cuid de rudan a b' àbhaist a bhith laghail a-nis an aghaidh an lagha. Mar eisimpleir, tha e a-nis an aghaidh an lagha a bhith ag òl deoch-làidir ann an àiteachan poblach. Tha laghan gan dèanamh le luchd-poilitigs a bhios sinn a' taghadh ann an dòigh dheamocratach. Dh'fhaodadh nach eilear ag aontachadh leis na laghan a tha an riaghaltas a' cur an gnìomh, ach tha cothrom againn seo atharrachadh tro dheamocrasaidh.

Ann an comann-sòisealta deamocratach, tha an cothrom aig gach neach a tha fo chasaid iad fhèin a dhìon. Tha e/i neoichiontach gus an tèid a dhearbhadh gu bheil iad ciontach tro shiostam na cùirteach. Bidh am peanasachadh a gheibh iad a rèir dè an seòrsa eucoir a rinn iad. 'S e na h-eucoirean as trom-chùisiche murt no eucoir sam bith anns a bheil fòirneart no anns a bheil cuideigin a' call am beatha.

Tha na h-adhbharan airson eucoir iomadh-fhillte agus toinnte. San latha an-diugh, tha a' mhòr-chuid de dhaoine a' gabhail ris gu bheil bochdainn, droch thogail, cion fèin-mhisneachd, deoch-làidir agus drogaichean uile nan adhbharan airson eucoir. Tha cuid de dhaoine nas buailtiche a bhith an sàs ann an eucoir, dìreach air sàillibh an seòrsa teaghlaich agus coimhearsnachd anns a bheil iad a' fuireach.

Feallsanachdan 'individualist' agus 'collectivist'

Feallsanachdan 'Individualist' agus 'Collectivist' air eucoir agus peanas

Tha cuid de dhaoine a' cur dleastanas air an neach fhèin airson dèanamh cinnteach nach eil iad a' briseadh an lagha. Tha iad ag ràdh nach eil an seòrsa teaghlaich no coimhearsnachd anns a bheil iad a' tighinn beò na leisgeul airson a bhith a' briseadh an lagha. Tha iad a' creidsinn gu bheil na daoine a tha ri eucoir a' taghadh a bhith ga dhèanamh. 'S e individualists a chanas sinn ri daoine a tha den bheachd seo. Fon fheallsanachd seo, ma nì cuideigin eucoir, agus ma thèid a ghlacadh, feumaidh iad gabhail ris a' pheanasachadh air a bheil iad airidh. Tha individualists dhen bheachd nam biodh peanasan na bu truime ann agus nam biodh barrachd chumhachdan aig na poileis agus aig na cùirtean, gum biodh na bu lugha de dh'eucoir ann.

Air an làimh eile, tha collectivists dhen bheachd nach eil ar comann-sòisealta co-ionann agus gu bheil cuid de dhaoine nas buailtiche a bhith a' dol an sàs ann an eucoir. Dh'fhaodadh nach e an neach fhèin gu tur as coireach airson seo ach an teaghlach, an caraidean, an coimhearsnachd agus an suidheachadh beatha. A rèir collectivists, ma thathar a' dol a lùghdachadh eucoir, feumar sùil a thoirt air na h-adhbharan a tha air a chùlaibh seach dìreach a bhith a' coimhead ris an eucoir fhèin. Mar sin, tha collectivists den bheachd gu feumar taigheadas nas fheàrr agus cothroman obrach nas fheàrr a chruthachadh ann an oidhirp an comann-sòisealta a dhèanamh co-ionann. Ma bhios daoine ag obair agus dòigheil lem beatha, cha bhi iad cho dualtach a bhith ri eucoir.

Tha na riaghaltasan a tha air a bhith againn o chionn ghoirid, aig ìre na RA agus ann an Alba, a' faicinn buannachd ann a bhith a' tarraing air feallsanachd nan collectivists agus air feallsanachd nan individualists. Tha iad a' gabhail ris gu bheil iomadh adhbhar air cùl eucoir. Ach, tha iad dhen bheachd gum feumar duine sam bith a bhriseas an lagh a pheasanachadh ann an dòigh a tha iomchaidh a rèir na h-eucoir. 'S e obair an riaghaltais a th' ann a bhith a' dèiligeadh ri eucoir; an dà chuid na h-adhbharan airson eucoir agus na daoine a bhios a' briseadh an lagha. Nuair a bha e na Phrìomhaire, thuirt Daibhidh Cameron, gum feumadh an riaghaltas think hard about dealing with the causes of crime an àite toraidhean eucoir a-mhàin.