A' cruthachadh pàidhrichean cho-aontaran

Eisimpleir

San taigh-dhealbh, cheannaich aon teaghlach 2 dheoch agus 4 pocain popcorn a chosg £15.00 uile-gu-lèir.

Cheannaich teaghlach eile 3 deochan agus 2 phocan popcorn a chosg £10.50 uile-gu-lèir.

Dè tha aon deoch (d) a' cosg agus aon phocan popcorn (p)?

An turas seo, feumaidh sinn gach co-aontar a chruthachadh bhon fhiosrachadh gu h-àrd.

\[2d + 4p = 15\]

\[3d + 2p = 10.5\]

Iomadaich co-aontar 1 le -1

\[- 2d - 4p = - 15(Co-aontar\,3)\]

Iomadaich co-aontar 2 le 2

\[6d + 4p = 21(Co-aontar\,4)\]

A' cur-ris co-aontaran 3 agus 4:

\[( - 2d - 4p = - 15) + (6d + 4p = 21)\]

\[-2d-4p=-15\]

\[6d+4p=21\]

Le bhith a' cur-ris nan co-aontaran seo gheibh sinn:

\[4d = 6\]

\[d = \frac{6}{4}\]

\[d = 1.5\]

Ionadaich \(d\) a-steach do cho-aontar 1: \(2d + 4p = 15\)

Nuair a tha \(d = 1.5\)

\[2 \times 1.5 + 4p = 15\]

\[3 + 4p = 15\]

\[4p = 15 - 3\]

\[4p = 12\]

\[p = \frac{{12}}{4} = 3\]

Mar sin bhon tha \(d = 1.5\) agus \(p = 3\), tha aon deoch a' cosg £1.50 agus tha aon phocan popcorn £3.00.