Co-aontaran co-amail

Dòigh grafaigeach

Bidh an dòigh grafaigeach a' fuasgladh a' cho-aontair le bhith a' coimhead air a' phuing air a' ghraf far a bheil dà loidhne dhìreach a' coinneachadh no a' trasnadh.

Bhon as e puing choitcheann a tha seo dhan dà loidhne, tha na h-aon luachan aig x agus y air an dà loidhne dhìrich aig a' phuing sin.

Eisimpleir

Tha diofar phrìsean aig dà chompanaidh chàraichean airson càr fhaighinn air mhàl airson n làithean.

Bidh 'Carbadan Chrìsdein' ag iarraidh àirleas £50, agus £20 gach latha.

Bidh 'Càraichean Craig' ag iarraidh àirleas £30 agus £30 gach latha.

Obraich an àireamh làithean agus a' chosgais nuair a bhiodh an dà chompanaidh a' cosg an aon rud.

Freagairt

Gabhaidh 'Carbadan Chrìsdein' obrachadh a-mach leis an fhoirmle C = 20n + 50, far an e C a' chosgais gu lèir agus n an àireamh làithean.

Gabhaidh 'Càraichean Craig' obrachadh a-mach leis an fhoirmle C = 30n + 30.

Cleachd an clàr gu h-ìosal agus tarraing graf dhe na loidhnichean dìreach seo:

Àireamh làithean01234
Ag obair 20 \times 0 + 50 20 \times 1 + 50 20 \times 2 + 50 20 \times 3 + 50 20 \times 4 + 50
Cosgais (£)507090110130

Is iad na puingean: (0, 50), (1, 70), (2, 90), (3, 110), (4, 130)

Àireamh làithean01234
Ag obair 30 \times 0 + 30 30 \times 1 + 30 30 \times 2 + 30 30 \times 3 + 30 30 \times 4 + 30
Cosgais (£)306090120150

Is iad na puingean: (0, 30), (1, 60), (2, 90), (3, 120), (4, 150)

Feumaidh sinn a-nis na h-axes a tharraing agus an dà loidhne a chur air an aon ghraf airson gum faic sinn a' phuing-trasnaidh.

Line graph showing number of days against cost

Bhon ghraf, chì sinn gur e (2, 90) a' phuing-trasnaidh aig an dà loidhne dhìrich.

Mar sin tha an dà chompanaidh a' cosg an aon rud oir, an dèidh 2 latha, tha iad le chèile a' cosg £90.

Feuch a-nis a' cheist gu h-ìosal.

Question

Tha aig Naureen agus aig Akil ri dealbhadair a thaghadh airson a' phòsaidh aca.

Tha 'Dealbhan Dealbhach' a' cosg £400 le £5 a bharrachd airson gach dealbh a thèid a chlò-bhualadh.

Tha 'Dealbhan Sona' a' cosg £250 le £8 a bharrachd airson gach dealbh a thèid a chlò-bhualadh.

Cò an dealbhadair a mholadh tu dhaibh agus carson?

Àireamh phriontan010203040
Ag obair 5 \times 0 + 400 5 \times 10 + 400 5 \times 20 + 400 5 \times 30 + 400 5 \times 40 + 400
Cosgais (£)400450500550600

Is iad na puingean:(0, 400), (10, 450), (20, 500), (30, 550), (40, 600)

Àireamh phriontan010203040
Ag obair 8 \times 0 + 250 8 \times 10 + 250 8 \times 20 + 250 8 \times 30 + 250 8 \times 40 + 250
Cosgais (£)250330410490570

Is iad na puingean: (0, 250), (10, 330), (20, 410), (30, 490), (40, 570)

Line graph showing number of prints against cost

Bhon ghraf, chì sinn gur e (50, 650) a' phuing-trasnaidh.

Mar sin tha e a' cosg £650 aig an dà chompanaidh airson 50 dealbh a chlò-bhualadh.

Bhon ghluasad air a' ghraf seo, chì sinn an dèidh 50 dealbh gu bheil Dealbhan Sona fhathast a' cosg barrachd na Dealbhan Dealbhach. Mar sin, mholainn Dealbhan Dealbhach ma tha iad airson còrr is 50 dealbh a chlò-bhualadh.

Ma tha iad ag iarraidh nas lugha na 50 dealbh, bhiodh Dealbhan Sona na bu shaoire.

Bu chòir dhut iomradh a thoirt air na trì suidheachaidhean daonnan – còrr is 50, dìreach 50, nas lugha na 50.