A' taghadh tablaid

Three tablet device packages displayed on posters. A boy working out which deal is the best in a thought bubble

Tha Shane am beachd tablaid ùr a cheannach airson an eadar-lìn agus airson na sgoile.

Feumaidh an t-eadar-lìon a bhith aige fad na h-ùine agus bidh e a' cleachdadh 2Mb gach mìos a' luchdadh rudan a-nuas.

Cleachdaidh e an t-uidheam airson a bhith a' coimhead bhidiothan a luchdaicheas e a-nuas bhon eadar-lìon. Sa chumantas bidh e a' coimhead còig bhidiothan sa mhìos.

Tha Shane am beachd an t-uidheam a chleachdadh aig an taigh airson obair-dachaigh a dhèanamh. Mar sin feumaidh e meur-chlàr a cheangaileas e ris an uidheam.

Bhon a bhios e a' cleachdadh an uidheim aig an taigh agus san sgoil, feumaidh e còmhdach airson a dhìon.

Tha e an dòchas gun dèan an t-uidheam dà bhliadhna dha mus feum e fear eile fhaighinn.

Uidheam A

PrìsLuchdachaidheanBhidiothanCo-ghoireasan
\pounds299A' gabhail a-steach suas ri 500Mb gach mìos. 5sg airson gach Mb a bharrachd a chleachdar. Gun chrìochan an-asgaidh tro Wifi.Bhidiothan an-asgaidh a' chiad sia mìosan. Bhidio gun chrìochan \pounds6.99 gach mìos an dèidh sin. Meur-chlàr £60. Còmhdach dìon \pounds10.

Uidheam B

PrìsLuchdachaidheanBhidiothanCo-ghoireasan
\pounds299A' gabhail a-steach suas ri 500Mb gach mìos. 3sg gach Mb de luchdachaidhean a-nuas gach mìos. Gun chrìochan an-asgaidh tro Wifi. \pounds2 gach bhidioA' gabhail a-steach meur-chlàr agus còmhdach dìon.

Uidheam C

PrìsLuchdachaidheanBhidiothanCo-ghoireasan
\pounds250A' gabhail a-steach suas ri 500Mb gach mìos. 5sg airson gach Mb a chleachdar. Gun chrìochan an-asgaidh tro Wifi. Bhidiothan an-asgaidh a' chiad sia mìosan. Bhidio gun chrìochan \pounds9.99 gach mìos an dèidh sin.Meur-chlàr \pounds75. Còmhdach dìon \pounds20.

Nam biodh Shane ag iarraidh an uidheim a bu shaoire dha thairis air dà bhliadhna, dè an t-uidheam a thaghadh e?

Fuasgladh

Air a' chiad shealladh, saoilidh tu gur e uidheam C am bargan as fheàrr oir 's e as saoire.

Ach feumaidh tu a' chosgais airson bhidiothan a choimhead agus cosgais cho-ghoireasan a chunntadh cuideachd nuair a bhios tu ag obrachadh a-mach a' bhargain as fheàrr.

Chan fheumar smaoineachadh air cosgais luchdachaidhean a-nuas oir cha tèid Shane thairis air na cosgaisean airson luchdachaidhean a-nuas a bharrachd.

Uidheam A

Prìs-ceannachd = \pounds299

Cosgaisean bhidio – a' chiad sia mìosan an-asgaidh

18\,\text{mìosan} \times \,\pounds6.99 = \pounds125.82

Cosgaisean a bharrachd – meur-chlàr + còmhdach dìon \,\pounds60 + \pounds10 = \pounds70

Cosgais iomlan \pounds299 + \pounds125.82 + \pounds70 = \pounds494.82

Uidheam B

Prìs-ceannachd \pounds299

Cosgaisean bhidio – cosgais gach mìos  5 \times  \pounds2 = \pounds10

24 \times  \pounds10 = \pounds240

A' gabhail a-steach chosgaisean a bharrachd – meur-chlàr + còmhdach dìon

Cosgais iomlan \pounds299 + \pounds240 = \pounds539

Uidheam C

Prìs-ceannachd = \pounds250

Cosgaisean bhidio – a' chiad sia mìosan an-asgaidh

18\;\text{mìosan} \times \pounds9.99 = \pounds179.82

Cosgaisean a bharrachd – meur-chlàr + còmhdach dìon  \pounds75 + \pounds20 = \pounds95

Cosgais iomlan \pounds250 + \pounds179.82 + \pounds95 = \pounds524.82

Tha a' chosgais iomlan a' sealltainn gur e uidheam A am bargan as fheàrr agus gum bu chòir do Shane am fear seo a thaghadh.

Move on to Video
next