Ag obrachadh a-mach a' bhargain as fheàrr

Ann a bhith a' smaoineachadh air rudeigin a cheannach, tha e glic fiosrachadh a choimeas mun nì no mun t-seirbheis, cumhachan na tairgse a choimeas agus cuideachd prìs an nì.

Air a' cheann thall, thèid co-dhùnadh a dhèanamh le bhith a' coimeas mòran dhiofar rudan, ach 's e a' phrìs fear dhe na prìomh rudan.

Nuair a bhios tu a' coimeas rud sam bith, tha e nas fheàrr coimeas a dhèanamh air a dhà no trì rudan coltach ri chèile airson gach rud mu bheil thu a' smaoineachadh.