Thèid againn air ceistean bunaiteach mu mhanaidseadh ùine agus beàrnan ùine fhuasgladh len obrachadh a-mach. 'S dòcha gum feum thu uair dheicheach atharrachadh gu uairean a thìde agus mionaidean.
Nuair a bhios tu a' cur turas air dòigh, 's àbhaist gum feum thu coimhead air clàran-ama, agus cuideachd coimhead air dè cho fada 's a bheir gach pàirt dhen turas.
Tha agallamh aig Caroline ann an Dùn Èideann aig \(3f\). Chì thu pàirt dhen chlàr-ama gu h-ìosal.
A' fàgail stèisean ionadail | A' ruighinn Dhùn Èideann |
---|---|
\[12.45\] | \[13.50\] |
\[13.20\] | \[14.26\] |
\[13.50\] | \[14.54\] |
\[14.20\] | \[15.27\] |
Bheir i \(15\,mionaidean\) eadar an dachaigh aice agus an stèisean ionadail.
Bheir i \(20\,mionad\) eadar an stèisean ann an Dùn Èideann agus an oifis sa bheil an t-agallamh.
Dè an uair aig am feum i an dachaigh fhàgail, aig a' char as fhaide, airson a bhith aig an agallamh air an uair?
Dè an uair aig an ruig i an oifis sa bheil an t-agallamh?
Airson gum bi ùine gu leòr aice ann an Dùn Èideann, feumaidh i ruighinn air an trèan aig \(14.26\). Bheir sin dhi \(20\,mionaid\) airson faighinn chun na h-oifis. Cha toir an trèan a tha a' ruighinn aig \(14.54\) dhi ach sia mionaidean mus tòisich an t-agallamh.
Tha an trèan a tha a' ruighinn Dhùn Èideann aig \(14.26\) a' fàgail stèisean Caroline aig \(13.20\).
Seach gum feum i \(15\,mionaidean\) airson faighinn chun an stèisein, dh'fheumadh i an taigh fhàgail aig \(13.05\) aig a' char as fhaide, (\(1.05f\)).
Bu chòir gun ruig i an oifis aig \(14.46\) (\(2.46f\)).