Ag obrachadh a-mach beàrnan ùine

A' cunntadh air adhart

Cuimhnich a' cheist a bh' agad:

Tha Daniel a' tòiseachadh san sgoil aig \(8.25m\) agus a' crìochnachadh aig \(3.15f\). Dè cho fada 's a tha e san sgoil?

Seo mar a dh'obraicheas tu a-mach e le 'cunntadh air adhart'.

Ceum a h-Aon

Tòisich aig 8.25m agus obraich a-mach an àireamh mhionaidean gu 9m.

\[8.25m - 9m = 35\,mionaidean\]

Ceum a Dhà

An uair sin obraich a-mach cia mheud uair a thìde a tha eadar 9m agus 3f.

\[9m - \,\text{meadhan-là} = 3\,uairean\]

\[\text{meadhan-là} - 3f = 3\,uairean\]

Ceum a trì

A-nis obraich a-mach an àireamh mhionaidean a tha eadar 3f agus 3.15f.

\[3f - 3.15f = 15\,mionaidean\]

Ceum a ceithir

Mu dheireadh, cuir-ris gach beàrn ùine.

\[35\,mion + 3\,u + 3\,u + 15\,mion = 6\,u + 50\,mion = 6\,u\,50\,mion\]

Eisimpleirean

Question

Chleachd Amy an t-eadar-lìon bho \(10.08\) gu \(14.57\). Dè cho fada 's a bha i air an eadar-lìon?

Cuir-ris na beàrnan ùine:

\[52\,mion + 1\,u + 2\,u + 57\,mion = 3\,uairean + 109\,mion\]

Ach tha \(109\,mionaidean\) nas fhaide na \(60\,mionaid\) (aon uair a thìde)

\[109\,mionaidean = 1\,uair\,49\,mionaidean\]

Mar sin tha \(3\,uairean + 1\,uair\,49\,mionaidean\) againn a-nis.

Chuir Amy seachad \(4\,uairean\,49\,mionaidean\) air an eadar-lìon.

Uaireannan bidh againn ri beàrn ùine obrachadh a-mach thairis air meadhan-oidhche.

Question

Ghabh Karen trèan air an oidhche. Thòisich an turas aig \(21.10\) agus chrìochnaich e aig \(07.30\). Dè cho fada 's a thug an turas?

Ùine an turais:

\[50\,mion + 2\,u + 7\,u + 30\,mion = 9\,uairean + 80\, mionaidean\]

\[80\,mionaid = 1\,uair\,20\,mionaid\]

Ùine an turais \(= 9\,uairean + 1\,uair\,20\,mionaid = 10\,uairean\, 20\,mionaid\)