Family

Shona is emailing a friend she met on holiday. She tells her friend about her family. Read what Shona has to say, and answer the questions which follow.

A family groupIllustration of a family group

Haidh, a charaid,

Tha mi dol a dh'innse dhut mu dheidhinn mo theaghlaich. Tha mi a' fuireach còmhla ri m' athair, mo mhàthair agus mo bhràthair. Tha sinn a' fuireach ann an taigh mòr, geal aig ceann na sràide.

Tha mo mhàthair glè bheag agus tha i cho caol ri bior cuideachd! Tha falt bàn oirre agus bidh aodach snasail oirre tric. 'S e rùnaire a th' innte ann an aonad an fhiaclair. Tha mo mhàthair glè mhath air ealain agus air fighe.

'S e cleasaiche a tha na m' athair agus bidh esan tric ag obair aig an deireadh sheachdain. Tha m' athair àrd le falt dualach donn. Tha mo bhràthair àrd cuideachd agus tha falt dualach air. Tha m' athair agus mo bhràthair cho coltach ri dà sgadan!

'S e Eòghainn an t-ainm a th' air mo bhràthair. Tha esan nas sine na mise agus tha e air an sgoil fhàgail. Tha Eòghainn fìor mhath air ceòl agus tha e a' cluich ann an còmhlan-ciùil. 'S e a' mheur-chlàr an ionnsramaid a bhios e a' cluich, ach bidh e a' seinn cuideachd. Bidh tòrr de mo charaidean a' trod rim peathraichean agus rim bràithrean, ach cha bhi mi fhèin agus Eòghainn a' trod idir, tha sinn cho rèidh ri dà cheann eich!

Question

Where exactly is Shona's house?

At the end of the street.

Aig ceann na sràide means 'at the end of the street'. Ceann means 'head'.

Question

Shona describes her mum as being cho caol ri bior. What does this phrase mean?

As thin as a rake.

Cho caol ri bior translates literally as 'as thin as a knitting needle'.