Riadh sìmplidh

Ma chuireas tu airgead ann am banca no ann an comann thogalach, gheibh thu riadh air an airgead.

Ma fhuair thu airgead air iasad, bho bhanca no bho chomann thogalach airson morgaidse no iasad sam bith eile, feumaidh tu riadh a phàigheadh dhaibhsan.

Tha riadh sìmplidh air obrachadh a-mach gach bliadhna agus tha e a rèir ìre an rèidh. Bidh an riadh glè thric air thoirt per annum, no gach bliadhna.

Eisimpleir

Chuir Sally £600 ann an cunntas le ìre rèidh aig 5\% gach bliadhna.

Sally deposits a £600 cheque into the bank

Obraich a-mach an riadh a gheibh Sally ann an aon bhliadhna, agus obraich a-mach dè an t-airgead a bhios sa chunntas aice an dèidh aon bhliadhna.

Riadh = 5\% de £600

= \frac{5}{{100}} \times 600

= \pounds30

Balans ùr:

= \pounds600 + \pounds30

= \pounds630

An dèidh aon bhliadhna bidh \pounds630 aig Sally.

Feuch a-nis a' cheist seo:

Question

Tha a' chunntas banca aig Jamie a' pàigheadh riadh aig ìre de 4.3\% sa bhliadhna.

Ma chuireas e \pounds850 dhan chunntas aige, dè bhios aig Jamie an ceann bliadhna?

Riadh = 4.3\% de \pounds850

= \frac{{4.3}}{{100}} \times 850

= \pounds36.55

Balans ùr:

= \pounds850 + \pounds36.55

= \pounds886.55

'S e am balans ùr a bhios ann an ceann bliadhna \pounds886.55