Tagradh Alba gu Eideard I agus an co-dhùnadh aig Norham

Dh'inns Easbaig Chill Rìmhinn do dh'Eideard I mun chunnart a bh' air fàire a thaobh cogadh catharra. Dh'iarr an t-easbaig air feuchainn ri stad a chur air cogadh catharra bho bhith a' tachairt agus an dùthaich a dhèanamh stèidheil. Dh'iarr na h-Urrasairean air cuideachadh le bhith a' taghadh an ath rìgh a bhiodh air Alba. Ràinig Rìgh Shasainn crìoch na h-Alba sa Ghiblean 1291 agus feachd mhòr aige. Rinn sin dragh dha na h-Urrasairean.

Thug Eideard I air na h-Urrasairean a choinneachadh ann an Caisteal Norham, air taobh Shasainn dhen chrìch. Thuirt Eideard ris na h-Urrasairean gum feumadh na h-uaislean gabhail ris-san mar mhòr-uachdaran orra. Tha mòr-uachdaran a' ciallachadh rìgh no uachdaran aig a bheil cumhachd thar nan uachdaran eile. Bhiodh iad nam bhasailean aige an uair sin. Cha b' e nì àbhaisteach a bha an sin agus bha e cunnartach do dh'Alba oir:

  • Bhiodh smachd an uair sin aig Eideard air an ath rìgh a bhiodh ann an Alba.
  • Bha e a' cur neo-eisimeileachd Alba ann an cunnart.

Na tagraichean

Raibeart Brus
Raibeart Brus

Dh'iarr trì-deug 'Tagraichean airson a' Chrùin', sin uaislean a bha ag ràdh gum bu chòir dhaibh a bhith nan rìgh, air Eideard I a bhith nan rìgh. Mus dèanadh e co-dhùnadh, thuirt Eideard I gum feumadh na tagraichean gu lèir gabhail ris mar mhòr-uachdaran. Canar 'Buileachadh Norham' ris an aonta sin agus thug e dha seilbh air Alba.

Air a' cheann thall, cha robh tagradh dligheach ach aig dithis dhe na tagraichean. B' iad sin Iain Balliol agus Raibeart Brus.