Ceist an fhearainn air a' Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan

Aimhreit an fhearainn

Chuir Achd nan Croitearan ann an 1886 crìoch air Fuadach nan Gàidheal. Bha sin a' ciallachadh nach b' urrainn croitearan a bhith air am fuadach gu h-obann far an fhearainn a bh' aca air mhàl bhon uachdaran. Ach bha bochdainn agus gainnead talamh math a' ciallachadh gun do lean casaid is mì-thoileachas air a' Ghàidhealtachd.

Nuair a chrìochnaich an cogadh, thill mòran shaighdearan dhachaigh dhan Ghàidhealtachd is dha na h-Eileanan agus iad an làn dùil gun deach talamh a ghealltainn dhaibh mar dhuais airson sabaid às leth na dùthcha. Nuair nach deach an talamh sin a thoirt dhaibh luath gu leòr, thòisich mòran air aimhreit airson fearann fhaighinn.

Fhad 's a mhair an aimhreit, bhiodh daoine a' gabhail thairis fearann a bha iad dhen bheachd a bu chòir cead a bhith aca obrachadh, gun chead an uachdarain. Bhiodh na saighdearan a bha a' tilleadh dìreach a' scuatadh air fearann air feadh na Gàidhealtachd, le cuid a' cumail a-mach gun robh seann lagh ag ràdh nam b' urrainn dhaibh fasgadh fiodh a thogail le cagailte air an lasadh iad teine, gun robh còir aca air an fhearann.

Freagairt an riaghaltais

Mar thoradh air an sin chuir an riaghaltas an gnìomh Achd Seatlaigidh an Fhearainn 1919. A rèir na h-achd, bhiodh fearann ann do dh'fhir a bh' air a bhith sa chogadh. Dh'adhbhraich sin duilgheadas oir cha robh fios ciamar a bhiodh fearann gu leòr ann dhaibh. Airson gun obraicheadh an achd gu math, dh'fheumadh fearann a bhith air a cheannach bhon fheadhainn leis an robh e, ach cha robh airgead gu leòr aig an riaghaltas airson sin a dhèanamh.

Lean an aimhreit le daoine a' gabhail thairis fearann agus bha an riaghaltas ann an suidheachadh doirbh. Bha e ro dhaor coinneachadh ri iarrtasan an fheadhainn a bha a' tilleadh às a' chogadh, agus cha bhiodh daoine idir toilichte nam peanasaicheadh iad na rèideirean. Mura dèanadh iad càil mu dhèidhinn rèideirean an fhearainn, chailleadh an riaghaltas an t-ùghdarras aca.

Aig deireadh nan 1920an cha robh fhathast fuasgladh ann air ceist an fhearainn agus bha cus dhaoine agus bochdainn air a' Ghàidhealtachd. Bha mòran dhaoine dhen bheachd nach robh roghainn aca ach eilthireachd a dhèanamh.

Eilthireachd an dèidh a' chogaidh

Eadar an dà chogadh mhòr bha an reat eilthireachd à Alba na b' àirde na bha e à dùthaich sam bith eile san Roinn Eòrpa. Bha mòran Albannach a' faicinn eilthireachd mar dhòigh air faighinn air falbh bho chion obrach agus bho bhochdainn na Gàidhealtachd, agus cuideachd bhon ìsleachadh ann an sgìrean gnìomhachais meadhan Alba.

Thòisich a' chiad phrògram mòr eilthireachd le taic bhon riaghaltas ri linn Achd Seatlaigidh na h-Ìmpireachd 1922. Bha e na amas cuideachadh ann a bhith a' cur ri àireamh an t-sluaigh air an dùthaich ann an Canada agus ann an àiteachan eile de dh'Ìmpireachd Bhreatainn. Chaidh subsadaidhean a thoirt do dh'eilthirich a dh'aontaich obrachadh air an fhearann airson ùine àraidh.

Bha Riaghaltas Chanada gu mòr a' brosnachadh eilthireachd à Alba. Bha iad a' sanasachd na dùthcha aca agus bha luchd-obrach làn-ùine a' brosnachadh eilthireachd a Chanada ann an oifisean ann an Glaschu is ann an Inbhir Nis.

Eilthirich às na h-Eileanan an Iar a' dol air bòrd am Metagama air an slighe a Chanada
Eilthirich a' dol air bòrd am Metagama air an slighe a Chanada

Sheall cunntas-sluaigh 1931 gun robh an àireamh-sluaigh ann an Alba air tuiteam airson a' chiad uair bho thòisich clàradh oifigeil ann an 1801.