Buill-airm agus smachd an riaghaltais

Sgainneal nan Sligean

Ann an 1915, bha a' choire a' dol air droch shligean làmhachais airson gun do dh'fhaillich air Breatainn buaidh fhaighinn air an Aghaidh an Iar. A rèir aithisg air 'Sgainneal nan Sligean' anns an Times bha sin na bhacadh bunaiteach air soirbheachadh. Cha b' fhada gus an robh Sgainneal nan Sligean na chùis-èigin phoilitigeach, agus dh'adhbhraich e gun do thuit an Riaghaltas Libearalach agus gun deach riaghaltas co-bhanntachd a chruthachadh le David Lloyd-George mar Mhinistear nam Ball-airm 's na h-Armachd.

Thàinig Sgainneal nan Sligean gu bhith na dhragh nas fharsainge mu sholarachadh bhall-airm is armachd. Bha an riaghaltas mar sin gu math draghail mu chunnart sam bith a dh'fhaodadh briseadh a thoirt ann an gnìomhachasan trom Alba oir bha iad uile air an eadar-cheangal airson an solarachadh a chumail a' dol.

Stailcean air fàire

Bha uallach air an riaghaltas gun tigeadh briseadh ann an obair dèanaimh aig àm a' chogaidh gu h-àraidh air sgàth luchd-obrach a' dol air stailc anns na gàrraidhean-iarainn, ann an innleadaireachd agus ann an gnìomhachas a' ghuail. Ann an 1915, bha an riaghaltas mar-thà air gèilleadh dhan fheadhainn a bh' air stailc a thaobh a' mhàil agus do luchd-obrach nam factaraidhean a chaidh air stailc gus taic a thoirt dhaibh, ach bha an riaghaltas a-nis na bu chruaidhe orra.

Bha e aig cridhe gluasad nan aonaidhean-ciùird gum bu chòir cothrom a bhith aig luchd-obrach tighinn còmhla gus iomairt a dhèanamh airson piseach a thoirt air cùmhnantan-obrach agus air tuarastal. Bha iad ag ràdh gun robh a' chòir aca diùltadh an obair a dhèanamh agus a dhol air stailc mura tigeadh piseach air cùisean. Bho shealladh an luchd-fastaidh cha robh ann an luchd nan aonaidhean-ciùird ach dragh seach gum biodh piseach sam bith ann an cùmhnantan-obrach buailteach prothaid an luchd-seilbh a lùghdachadh.

Achd nam Ball-airm is na h-Armachd

Ann an 1915, chuir an riaghaltas an gnìomh Achd nam Ball-airm is na h-Armachd. Chuir an Achd bacadh air luchd-obrach bho bhith a' fàgail an obair agus a' gluasad gu obair ùr gun chead bhon luchd-fastaidh aca. Bha seo ag aithneachadh gun robh eaconamaidh na dùthcha a-nis na h-eaconamaidh cogaidh a bha ag amas air barrachd obair-dèanaimh, agus air briseadh san obair a lùghdachadh.

Bha gnìomhachasan traidiseanta Alba riatanach airson an cogadh a chumail a' dol, agus nan tigeadh briseadh sam bith sna gnìomhachasan sin, bha Breatainn ann an cunnart an cogadh a chall. Ach seach gun robh feum air barrachd obair-dèanaimh, dh'adhbhraich sin atharrachaidhean a rinn duilgheadasan an dèidh sin.

Teicneòlas ùr agus cion cosnaidh

Chuidich dòighean-obrach agus teicneòlas ùr leithid innealan fèin-obrachail agus loidhneachan-dèanaimh le bhith a' dèanamh barrachd bathair, ach chuir iad cuideachd obraichean ann an cunnart.

An dèidh a' chogaidh, rinn crìonadh ann am malairt eadar-nàiseanta, ìsleachadh ann an òrdain airson bhàtaichean ùra agus dòighean dèanaimh ùra na duilgheadasan a bh' aig gnìomhachasan trom ann an Alba na bu mhiosa.

Sna 1920an, thuit an obair ann an gàraidhean-iarainn Alba 90%. Le co-fharpais bho dhùthchannan cèin, bha còrr is leth dhe na fùirneisean iarainn ann an Alba air dùnadh ann an 1927, agus bha trian a bu lugha de dhaoine ag obair ann an gnìomhachas a' ghuail sna 1920an na bh' ann ron chogadh.