Buaidh a' chogaidh air gnìomhachas

Thàinig crìonadh mòr air gnìomhachasan Alba an dèidh a' Chiad Chogaidh. Ged a chuir an cogadh taic ris na gnìomhachasan sin airson greiseag agus ged a chuir e riutha gu mòr uaireannan a thaobh obair, b' e an fhìrinn gun robh duilgheadasan mòra aig na gnìomhachasan traidiseanta ro àm a' chogaidh.

Bha gual, iarann, stàilinn agus obair fhighte riatanach dhan chogadh. Às aonais guail, chan obraicheadh rèile Bhreatainn no a' Chabhlach Rìoghail. Às aonais iarainn agus stàilinn, cha b' urrainn do ghnìomhachas nam ball-airm no do ghnìomhachas innleadaireachd na h-urchraichean, na sligean, an làmhachas, a' uèir bhiorach, na tancaichean no na bàtaichean air an robh feum sa chogadh a dhèanamh. Bha obair bhon Nèibhidh mus do thòisich an cogadh air na gàrraidhean-iarainn a shàbhaladh mar-thà. Nuair a thòisich an cogadh, ghabh an Cabhlach Rìoghail thairis na prìomh ghàrraidhean-iarainn air Abhainn Chluaidh airson barrachd longan-cogaidh a thogail.