Cleachdadh-fearainn

Notaichean

Bidh cleachdadh-fearainn ag atharrachadh le gach cùrsa dhen abhainn.

Tuathanachas

Cùrsa uachdrach

  • Caoraich air a' bheinn air sgàth ùirean truagh, leòidean casa, sìde fhuar, sileadh mòr agus aghaidhean fosgailte.

Cùrsa meadhain

  • Measgachadh de thuathanachas-àitich agus thuathanachas-bainne oir tha na leòidean nas sìnte, tha an ùir nas torraiche agus tha an t-sìde nas fheàrr. Tha talamh nas còmhnairde ga dhèanamh nas fhasa dhan chrodh a bhith ag ionaltradh agus tha e nas fhasa innealan a chleachdadh anns na h-achannan.

Cùrsa ìochdrach

  • Le ùirean torrach, alùbhiach air raon-tuile na h-aibhne, gabhaidh bàrr fhàs.
  • Tha an t-sìde fada nas fheàrr agus abaichidh am bàrr ro àm buain.
  • Le talamh a tha gu math nas còmhnairde, faodar innealan a chleachdadh.
  • Tha tuathanachasan-bainne faisg air tuinneachaidhean airson gum faigh iad am bathar a reic.

Coilltearachd

Cùrsa uachdrach

  • Le ùirean tana, leòidean casa agus droch shìde, dh'fhaodadh gum biodh coilltearachd nas saoire na tuathanachas.

Gnìomhachas

Cùrsa ìochdrach

  • Bidh gnìomhachas trom mar obair iarainn agus stàilinn a' tòiseachadh air talamh còmhnard an raoin-tuile faisg air a' mhuir air sgàth 's gum feum iad tòrr talamh còmhnard, me Abhainn Tees.
  • Faodar stuthan amh a ghiùlan air an abhainn gu factaraidhean, me gu fìneadair-ola Inbhir Ghrainnse air Abhainn Fhoirthe.

Cur-seachadan agus turasachd

Cùrsa uachdrach

  • a' coimhead nan seallaidhean, me easan
  • a' coiseachd nan gilean
  • iasgach, me bradan
  • curachan agus ràthan uisge-geal

Cùrsa meadhain

  • Le leòidean nas sìnte agus rathaidean agus deagh sheirbheis rèile gu feartan sa chùrsa uachdrach agus sa chùrsa ìochdrach, bidh mòran luchd-turais a' fuireach an seo ann an taighean Leabaidh is Bracaist (B&B), glè thric air tuathanais, agus ann an ionadan-charabhain is campachaidh.
  • Tha iasgach a' toirt deagh theachd-a-steach dha na h-uachdarain.

Stòradh agus solar uisge

Cùrsa uachdrach

  • Lochan-tasgaidh - chaidh damaichean a thogail thairis air aibhnichean bras far a bheil glinn air chumadh V cumhang (furasta dam a thogail) agus tha sileadh mòr a' ciallachadh gun gabh tòrr uisge a chruinneachadh dha na bailtean a tha nas fhaide sìos an gleann. Far a bheil creagan neo-dhrùidhteach, tha e furasta uisge a stòradh oir cha bhi an t-uisge a' sruthadh air falbh.

Lùth ath-nuadhachail

Cùrsa uachdrach

  • Faodar Lùth Dealan-uisge (HEP: Hydro Electric Power) a chruthachadh ann an cùrsa uachdrach aibhne air sgàth sileadh mòr agus leòidean casa a leigeas le uisge bras tuirbìnean a thionndadh agus dealan a chruthachadh.