Cùrsaichean a' cruthachadh chruthan-tìre aibhne

Gleann air chumadh V

Gleann air chumadh V ga chruthachadhGleann air chumadh V ga chruthachadhGleann air chumadh V ga chruthachadhGleann air chumadh V ga chruthachadhGleann air chumadh V ga chruthachadhGleann air chumadh V ga chruthachadh

Bleith

  • Bidh aibhnichean a' tòiseachadh gu h-àrd anns na beanntan. Mar sin bidh iad a' sruthadh gu luath sìos a' bheinn agus a' bleith an dealbh-tìre gu bheartaigil.
  • Bidh an abhainn a' gearradh eag dhomhainn san dealbh-tìre air obair haidreolaig, bualadh agus bleith.
  • Mar a bhios an abhainn a' bleith sìos, bidh taobhan a' ghlinne fosgailte do shìde-chaitheamh le reothadh is aiteamh. Bidh sin a' fuasgladh nan creagan (tuitidh cuid dhiubh dhan abhainn) agus a' dèanamh taobhan a' ghlinne nas caise.
  • Bidh na creagan a thuit dhan abhainn a' cur ri pròiseas a' bhualaidh agus bidh sin ag adhbharachadh tuilleadh bleith.
  • Bidh an abhainn a' giùlan nan creagan sìos an abhainn. Bidh an cladhan a' fàs nas leatha agus nas doimhne agus a' cruthachadh gleann air chumadh V eadar sporan co-cheangailte.

Eas

Eas ga chruthachadhEas ga chruthachadh

Easan, lòin-eas agus tuill-slugaidh

  • An abhainn a' sruthadh thar fhillidhean de chreagan nas buige agus nas cruaidhe.
  • Creag nas buige a' bleith nas luaithe.
  • An abhainn a' gearradh fo chreag nas cruaidhe agus a' fàgail creag-chrochaidh.
  • Bidh an abhainn a' cruthachadh lòn-eas fon eas.
  • Chan eil taic aig a' chreig-chrochaidh agus tuitidh i dhan lòn-eas.
  • An t-eas a' gluasad suas an abhainn.
  • Bidh am pròiseas seo a' leantainn air agus thèid mòr-ghil a ghearradh ann an taobh na beinne.

Lùb-aibhne

L˘b-aibhne ga chruthachadhLùb-aibhne ga chruthachadh

Lùban-aibhne

  • Uisge a' lùbadh agus a' tionndadh mu na clachan is nithean eile, agus tha sin a' ciallachadh gu bheil pàirt dhen uisge a' gluasad gu luath agus pàirt eile gu mall.
  • Tha an abhainn a' tòiseachadh air sruthadh bho thaobh gu taobh air cùrsa lùbach ach fhathast ann an cladhan a tha an ìre mhath dìreach.
  • Nuair a tha uisge a' gluasad gu luath, tha barrachd neirt aige airson bleith. Bidh sin a' tachairt air taobh a-muigh lùib agus a' cruthachadh bearradh-aibhne.
  • Bidh an abhainn a' bleith nan lùban a-muigh tro sgrìobadh, caitheamh-ceimigeach agus obair haidreolaig.
  • Bidh gluasad an uisge air an taobh a-staigh an lùib gu math slaodach, agus bidh an abhainn a' fàgail luchd (stuthan) agus a' cruthachadh tràigh-aibhne/leathad sleamhnachaidh.
  • Mar a bhios bleith a' leantainn air adhart air a' bhruaich a-muigh agus tasgadh air a' bhruaich a-staigh, bidh lùb-aibhne air a chruthachadh.
  • Gluaisidh an lùb sìos an abhainn thar ùine agus atharraichidh a chruth.

Loch bogha-daimh

Loch bogha-daimh ga chruthachadhLoch bogha-daimh ga chruthachadh

Lochan bogha-daimh

  • Tha an abhainn a' lùbadh thar a' ghlinne.
  • Tha an abhainn a' bleith bho thaobh gu taobh.
  • Tha an abhainn a' sruthadh nas luaithe air na lùban a-muigh agus gam bleith.
  • Tha an abhainn a' sruthadh nas slaodaiche air na lùban a-staigh agus a' tasgadh stuthan, agus mar sin tha a cùrsa ag atharrachadh.
  • Tha bleith agus tasgadh leantainneach a' dèanamh amhach na lùib nas cumhainge.
  • Glè thric nuair a bhios tuil ann, gearraidh an abhainn tron amhaich.
  • Bidh an abhainn a' cumail oirre air a' chùrsa nas dìriche agus bidh an lùb air a thrèigsinn.
  • Bidh tasgadh ùr a' dùnadh gach ceann agus thèid loch bogha-daimh a chruthachadh agus mu dheireadh tioramaichidh i.

Leabhaidh

Leabhaidh ga chruthachadh
Leabhaidh ga chruthachadh
  • Tha an abhainn air an raon-tuile aice le caisead gu math ìosal.
  • Tha an abhainn a' tasgadh mar as trice (eabar agus gainmheach).
  • Nuair a bhios an abhainn na tuil, bidh tòrr eabair ga thasgadh air bruaichean na h-aibhne agus gu math nas lugha air an raon-tuile.
  • Bidh tuileachadh tric a' cur ris a' chruinneachaidh seo.
  • Mar as trice, bidh na leabhaidhean a' dìon an raoin bho thuileachadh.
  • Bidh seo a' togail na h-aibhne os cionn an raoin-tuile.