Plastaig agus an Cuan Farsaing

Leugh an earrann agus freagair na ceistean a leanas.

Thathar ag ràdh gu bheil millean botal plastaig air an ceannach gach mionaid.

Ged a tha daoine air a bhith a' reic dheochan fad linntean, b' ann sna 70an a thòisich deochan ann am botal a' fàs pailt sna bùithtean againn. B' ann air sgàth leasachadh teicneòlais a bha seo – rud ris an can sinn polyethylene terephthalate (PET) – a rinn feum mòr do luchd-malairt. Sin a' phlastaig a tha air a chleachdadh anns na botail a chì sibh air sgeilpichean san latha an-diugh. Tha botail PET aotrom, saor agus cha toir iad buaidh air blas an rud a tha nam broinn.

Ach, 's ann air sgàth an leasachadh teicneòlais seo a tha deochan ann am botal a' dèanamh dragh cho mòr do dhaoine a tha a' cumail sùil air an àrainneachd. Ged a tha a' phlastaig gu math feumail do ghnìomhachasan a tha a' reic dheochan, tha i mar phuinnsean dhan t-saoghal nàdarra.

Ann an cuid de dhùthchannan, tha goireasan ath-chuartachaidh a' ciallachadh nach dèan na botail seo cus croin air an àrainneachd. Bidh a' Ghearmailt, mar eisimpleir, ag ath-chuartachadh 93.5% de na botail PET aca. Gu mì-fhortanach, chan ann mar sin a tha cùisean air feadh an t-saoghail.

'S mathaid gun cuireadh e iongnadh air neach faighinn a-mach gu bheil dùthchannan mar na h-Innseachan ag ath-chuartachadh fada a bharrachd na tha dùthchannan mar na Stàitean Aonaichte. Bidh seo a' tachairt air sgàth 's gu bheil ath-chuartachadh na bheòshlaint do mhilleanan anns na h-Innseachan. Air an làimh eile, tha cuid de dhùthchannan beairteach, mar na Stàitean Aonaichte, ro dheònach rudan a chaitheamh.

Ach, a dh'aindeoin is gu bheil feadhainn nas fheàrr air ath-chuartachadh na tha feadhainn eile, 's e cnag na cùise gu bheil cuid mhath dhe na milleanan de bhotail a th' air an reic gach latha a' dèanamh an slighe dha na cuantan againn. Tha eòlaichean den bheachd gum bi suas ri 13 millean tunnaichean de phlastaig a' dol dhan mhuir gach bliadhna. Na theisteanas air an seo tha 'Raon-sgudail a' Chuain Shèimh', dà làrach sgudail aig muir far a bheil plastaig bho iomadh ceàrnaidh dhen t-saoghal a' siubhal air a' mhuir agus a' cruinneachadh air sgàth sruth na mara. Agus tha barrachd air an tional seo de sgudal ri lorg.

Ach, 's mathaid gur e an rud as eagalaiche mu dheidhinn gu bheil a' phlastaig seo a-nis ri lorg sa bhiadh a tha sinn ag ithe. Leis gum bi beathaichean mara – iasg is maorach nam measg – a' gabhail a-steach chriomagan plastaig, tha luchd-saidheans a' smaoineachadh gum bi gach neach ag ithe mu 11,000 criomag plastaig gach bliadhna, mas e 's gum bi iad ag ithe biadh mara.

Thathar an dùil gum bi an cuideam de phlastaig a tha sinn a' cruthachadh a' sìor dhol am meud sna bliadhnaichean a tha ri tighinn, is mar sin, tha luchd-saidheans an dùil gum fàs cùisean nas miosa buileach.

Tha adhbhar math aig eòlaichean a bhith draghail mun t-suidheachadh, oir ged a tha naidheachdan mu bhuaidh nam botal seo a' nochdadh gu tric sna meadhanan, chan eil coltas ann gu bheil na companaidhean mòra a tha gan cruthachadh a' dol a dh'atharrachadh nan dòighean-obrach aca.

Tha Riaghaltas na h-Alba an dùil sgeama ath-chuartachaidh a thòiseachadh far am pàigh thu beagan a bharrachd airson botal plastaig a cheannach. Ach, nuair a thilleas tu am botal airson ath-chuartachadh, gheibh thu an t-airgead a bharrachd sin air ais. Tha an sgeama seo stèidhichte air na tha a' tachairt anns na dùthchannan Lochlannach.

Tha uallach oirnn uile dèiligeadh ris an t-suidheachadh seo. Bu chòir do luchd-ceannach oidhirp a dhèanamh a bhith ag ath-chuartachadh nam botail a tha iad a' ceannach gu cùramach – nì sin beagan diofair gun teagamh. Ach, a dh'aindeoin nan rudan beaga sin, feumar rudeigin a dhèanamh aig bun na trioblaid – sna factaraidhean far a bheilear a' dèanamh na plastaig seo – mas e 's nach eil sinn airson na cuantan a mhilleadh gu ìre nach tèid a rèiteach.