Poileas na h-Alba

Prìomh dhleastanasan nam poileas sa choimhearsnachd

Thàinig Seirbheis Poileas na h-Alba (Poileas na h-Alba) gu bith air 1 Giblean 2013. 'S e aon fheachd phoileis nàiseanta a th' ann a-nis, an àite nan ochd feachdan a bh' anns an dùthaich roimhe. Bha Riaghaltas na h-Alba dhen bheachd gum biodh aon fheachd na b' èifeachdaiche ann a bhith a' dèiligeadh ri eucoir agus na bu shaoire a ruith.

A bharrachd air Poileas na h-Alba, tha grunn fheachdan poileis eile ann an Alba. Nam measg sin tha:

  • Poileas Ministreachd an Dìon [Ministry of Defence (MOD)]. Bidh poileas am MOD a' toirt seirbheis tèarainteachd taobh a-staigh ionadan le Ministreachd an Dìon air feadh na RA, (me ionad nam bàtaichean-aigeil niuclasach ann am Faslane)
  • Poileas Còmhdhail Bhreatainn [British Transport Police (BTP)]. Tha am BTP ag obair air feadh rèile nan trèanaichean san RA
  • Feachd-poileis Catharra Niuclasach [Civil Nuclear Constabulary (CNC)]. Tha an CNC a' dìon stuthan niuclasach ann an ionadan ceadaichte niuclasach san RA agus nuair a tha iad air an gluasad, me a' giùlan sgudal niuclasach à Dùn Rath
  • Buidheann Nàiseanta na h-Eucoir [The National Crime Agency (NCA)]. Bidh an NCA a' dèiligeadh ri eucoir eagraichte air feadh na RA. 'S dòcha gum bi seo a' gabhail a-steach drogaichean Clas A, goid agus trafaigeadh dhaoine, foill, eucoir choimpiutairean agus nighe airgid
  • Buidheann Crìochan na Rìoghachd Aonaichte (United Kingdom Border Agency). Tha Buidheann Crìochan na RA na phàirt de dh'Oifis na Dùthcha agus tha e an urra riutha crìochan na RA a dhìon.

'S e prìomh dhleastanas nam poileas a bhith a' dìon choimhearsnachdan. Tha seo a' ciallachadh, cho fad 's a tha comasach, gum bi iad a' cur stad air eucoir. Ach, ma bhios eucoir air a dhèanamh, bidh iad ga rannsachadh agus a' cur an fheadhainn a tha iad an amharas a rinn e an grèim.

Mar sin, 's e obair nam poileas:

  • stad a chur air eucoir
  • eucoirich a ghlacadh
  • sìth a chumail am measg a' phobaill
  • smachd a chumail air trafaig
  • eucoirean a rannsachadh

Casg eucoir

Tuigidh gach neach gu bheil e nas fheàrr eucoir a chasg mus tachair e. Tha Seirbheis Poileas na h-Alba a' cosg mòran ghoireasan ag oideachadh dhaoine mu mar a bu chòir dhaibh a bhith a' coimhead às dèidh an cuid fhèin agus ag innse do dhaoine mu na cunnartan a tha an lùib cuid de dh'eucoirean, leithid a bhith a' giùlain sgian no a' dràibheadh fo bhuaidh deoch-làidir.

A' glacadh eucoirich

Faodaidh Seirbheis Poileas na h-Alba daoine a stad agus coimhead a bheil dad mì-laghail aca air am pearsa. Faodaidh iad seo a dhèanamh às aonais barantas ma tha iad an amharas gu bheil an neach a' giùlain gin de na rudan seo:

  • drogaichean
  • uidheam chunnartach leithid sgian no gunna
  • rudeigin a chaidh a ghoid
  • deoch-làidir (chan eil e ceadaichte a bhith ag òl deoch-làidir ann an àiteachan poblach. Mar sin, dh'fhaodadh am poileas cuideigin a stad a tha air an t-slighe gu tachartas, leithid gèam ball-coise, ma tha iad fo amharas gu bheil iad ag òl)
  • fianais air coire fo Achd Wild Mammals (Scotland) 2002
  • airgead, no luach airgid nas motha na £1,000, a fhuair iad tro bhriseadh an lagha
  • teintean-ealain (ma tha oifigear poileis dhen bheachd gu bheil duine an dùil an cleachdadh ann an dòigh neo-shòisealta).

A' cumail na sìthe

Dithis oifigear poilis ag obair
Dithis oifigear poilis ag obair

Bithear tric a' faicinn Seirbheis Poileas na h-Alba nuair a tha iad a' cumail rian agus smachd air cruinneachaidhean mòra de dhaoine. Glè thric, bidh seo aig tachartasan mòra spòrs, no nuair a tha daoine a' togail fianais. Feumaidh am poileas a bhith ann airson dèanamh cinnteach gu bheil na daoine a tha an làthair sàbhailte agus nach eil duine sam bith a' briseadh an lagha.

O chionn beagan bhliadhnaichean tha cunnartan bho cheannairc air a bhith air aire Phoileas na h-Alba. 'S e Riaghaltas na RA a bhios a' dèiligeadh ri poileasaidhean agus laghan an aghaidh ceannairc ach bidh Riaghaltas na h-Alba, Poileas na h-Alba agus buidhnean eile a' co-obrachadh gu dlùth le buidhnean eile san RA.

A' cumail smachd air trafaig

Tha dleastanas aig poileis trafaig a bhith a' dèanamh cinnteach nach eil dràibhearan a' briseadh laghan dràibhidh agus laghan trafaig na dùthcha. Bidh iad a' dèanamh cinnteach gu bheil an trafaig a' gluasad agus gu bheil na ròidean sàbhailte. 'S iad daoine a bhios a' dràibheadh fo bhuaidh deoch-làidir agus daoine a bhios a' dràibheadh ro luath na cùisean as cunnartaiche ris am feum poileis trafaig dèiligeadh.