Leughadh

Ceistean

Question

Càit a bheil a charaid an-dràsta?

Tha e marbh, na laighe beagan shlatan air falbh bhuaithe.

Question

Carson a dh'fheumadh cabhag a bhith air a' gluasad chun an taoibh thall?

Bhiodh an ath sholas a' deàrrsadh an ceann mionaid no dhà.

Question

(a) Bhon pharagraf mu dheireadh, a bheil fios aig an leughadair càite a bheil an sgrìobhadair?

(b) Ciamar a tha fios aig an leughadair air an sin?

(a) Tha. Tha e aig oir rathaid.

(b) Tha an sgrìobhadair a' bruidhinn mu chàr a' tighinn agus tha e soilleir gu bheil a' ghràineag a' feitheamh gus am bi e sàbhailte dhi a dhol chun an taoibh eile.

Smaoinich air na tha thu air a leughadh anns an earrainn air fad.

Question

(a) Dè seòrsa sgrìobhadh a tha seo?

  • Aithisg à pàipear-naidheachd
  • Aiste
  • Sgeulachd

(b) Nad bheachd, càit an nochdadh earrann mar seo?

  • Ann an leabhar de sgeulachdan goirid
  • Ann an artaigil mu chunnartan-rathaid
  • Air làrach-lìn le fiosrachadh mu bheathaichean

(c) Càit a bheil car (rudeigin a tha ag atharrachadh na sgeulachd gu mòr) anns an sgeulachd seo?

(d) Dè a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig a' char seo air an leughadair?

(a) Tha a' cheist seo ag iarraidh ort beachdachadh air an t-seòrsa teacsa a th' ann. 'S e am freagairt: sgeulachd.

Tha fios againn air a seo bho bhith a' leughadh na h-earrainn air fad. Tha fios gur e sgeulachd mhac-meanmnach a tha seo oir cha bhi gràineagan a' sgrìobhadh!

(b) Tha a' cheist seo a' toirt ort beachdachadh air stoidhle na h-earrainn. 'S e am freagairt: ann an leabhar de sgeulachdan goirid.

Dh'fhaodadh gun nochdadh a leithid de sgeulachd ann an cruinneachadh de sgeulachdan goirid. 'S ann mu chunnartan do dhaoine a bhiodh artaigil mu chunnartan-rathaid. Chan e fiosrachadh mu ghràineag a tha anns an earrainn seo.

(c) Tha an car a' nochdadh aig fìor dheireadh na sgeulachd.

(d) Tha a' cheist seo ag iarraidh ort innse mu bhuaidh a' chair seo. Feuch ri deagh mhìneachadh a thoirt seachad an seo.

Chun a sin, bhiodh an leughadair den bheachd gur e duine a bha ag innse na sgeòil – chan e gràineag. Tha an car a' toirt sealladh ùr, diofraichte dhan leughadair.

Dh'fhaodadh gum bi aig an leughadair ris an sgeulachd a leughadh a-rithist gus tuigse cheart fhaighinn air an sgeulachd.

Move on to Test
next