Leughadh

Ceistean

Seo deich ceistean. Leugh an earrann agus freagair na ceistean.

Question

Dè an suidheachadh anns a bheil an sgrìobhadair?

Bha e glacte ann an solas làidir geal a bha a' deàrrsadh a-nuas air.

Mar as trice bidh a' chiad cheist a' dèiligeadh ri rudeigin anns a' chiad sheantans no dhà.

Question

Ciamar a tha fios againn gun do thachair seo roimhe?

Tha e ag ràdh nach b' e seo a' chiad turas a thachair e dha.

Question

(a) Dè rinn e?

(b) Carson a rinn e sin?

(a) Dh'fhuirich e far an robh e gus an deach sguab an t-solais seachad air.

Tha e cudromach gun cuir thu a h-uile càil a tha freagarrach nad fhreagairt. Cha bhiodh 'Dh'fhuirich e far an robh e' idir cho math an taca ris an fhreagairt gu h-àrd.

(b) Bha e air ionnsachadh gum b’ e sin an rud a b’ fheàrr a dhèanamh.

Nuair a tha ceist (a) agus (b) ann, faodaidh tu a bhith cinnteach gu bheil na freagairtean bhon aon phàirt den earrainn.

Question

Carson a bha e ga chur fhèin ann an cunnart?

Bha e a' feuchainn ri biadh fhaighinn dha theaghlach / dha chuideachd.

Question

Dè cho tric 's a bhiodh e a' dèanamh seo?

A h-uile oidhche.

Question

Dè tha a' sealltainn gur e obair chunnartach a bha e a' dèanamh?

Chaidh deagh charaid dha a mharbhadh a-raoir.