Stòrasan bìdh Bhreatainn ann an cunnart

Longan marsanta Bhreatainn

Thàinig an cunnart bu mhotha do bhiadh ann am Breatainn, agus comas oidhirp a' chogaidh a chumail a' dol, ann an 1916, nuair a thòisich iomairt ùr gun bhacadh de 'chogadh nam bàt'-aigil' agus bha a' bhuaidh marbhtach dha-rìribh. Mus tàinig an Lùnastal 1917, chaidh 1,500,000 tunna de longan marsanta Bhreatainn a chur fodha. Aig an àm cha robh air fhàgail de shiùcar ach na dhèanadh ceithir latha agus de mhin chruithneachd na dhèanadh beagan sheachdainean. Seach gun robh iomadh seòrsa bìdh gann, bhiodh loidhnichean fada a' feitheamh sna bùithtean agus bha prìsean a' dol suas gu luath.

Ann am Breatainn chaidh corra rud fheuchainn gus nach bàsaicheadh daoine leis an acras. San Dùbhlachd 1917 thòisich raiseanadh oifigeil. Bha raiseanadh ag amas air biadh a chaomhnadh, dèanamh cinnteach gun robh e air a sgaoileadh gu cothromach agus smachd a chumail air prìsean a thòisich a' dol suas seach gun robh am biadh gann.

Raiseanadh

Clàr a' sealltainn biadh a bha agus nach robh air a raiseanadh rè àm a' Chiad Chogaidh
Clàr a sealltainn biadh a bha agus nach robh air a raiseanadh

Thugadh raiseanadh a-steach mean air mhean agus bha e air feadh Alba sa Ghiblean 1918. B' e siùcar a' chiad rud a chaidh a raiseanadh agus an dèidh sin feòil bhon bhùidsear. Ro dheireadh a' chogaidh bha smachd aig an riaghaltas air prìs a h-uile seòrsa bìdh cha mhòr.

Bha comhairlean bhailtean air am brosnachadh gus pìosan fearainn a thoirt do dhaoine airson lusan a chur. Thòisich an riaghaltas air iomairt propaganda airson ana-chaitheamh a lùghdachadh agus airson barrachd bìdh a dhèanamh. Bha tuathanaich Bhreatainn a' faighinn shubsadaidhean airson talamh ionaltraidh a threabhadh agus bàrr a chur mar buntàta agus cruithneachd a bha làn carbohaidreat agus, leis an sin, lùth.

Mar thoradh air na h-iomairtean sin, ged a bha rudan gann, cha robh biadh idir cho gann ann am Breatainn 's a bha e sa Ghearmailt far an do bhàsaich còrr is 500,000 sìobhaltach Gearmailteach leis an acras sa gheamhradh 1917-18.

Iasgach

Nuair a thòisich an cogadh, bha amannan cruaidh ro ghnìomhachas an iasgaich air taobh an ear Alba. An toiseach cha mhòr nach robh an Cuan a Tuath gu lèir dùinte do dh'iasgach, ach nuair a dh'fhàs biadh gann, chaidh cur às dhan bhacadh air iasgach. Ach mun àm sin bha mòran bhàtaichean is chriuthaichean ag obair mar thaic dhan Chabhlach Rìoghail.

Ann an 1918, bha duilgheadas aig gnìomhachas an iasgaich le prìs connaidh a' dol suas agus bha aca cuideachd ri bàtaichean a chàradh agus ath-uidheamachadh an dèidh seirbheis sa chogadh. Ged a fhuair gnìomhachas an iasgaich thairis air na duilgheadasan, chaill iad na margaidhean traidiseanta sa Ghearmailt, san Roinn Eòrpa an Ear agus san Ruis air sgàth atharrachaidhean sna dùthchannan sin an dèidh a' chogaidh.