Gnìomhachas agus àiteachas

Diut

Thuit gnìomhachas an diut, a bha stèidhichte ann an Dùn Dèagh, às a chèile, agus chaill na mìltean an obair.

'S e lus a th' ann an diut agus 's ann am Bangladeis as motha a bhios e a' fàs. Aig an àm bha Bangladeis na phàirt dhe na h-Innseachan agus de dh'Ìmpireachd Bhreatainn. Bha an snàithleach diut amh ga chur a Dhùn Dèagh airson stuth phocannan a dhèanamh. Ach ron chogadh, bha cuid de luchd-gnothachais ann an Dùn Dèagh air tòiseachadh a' leasachadh gnìomhachas an diut ann an Calcutta, sna h-Innseachan, agus gheàrr sin às cuid Dhùn Dèagh dhen obair.

Rè a' chogaidh, bha iarraidh mhòr air diut oir bha barrachd feum air pocannan gainmhche, agus bha an gnìomhachas air a dhìon air sgàth 's gun do chuir an riaghaltas casg air bathar diut a bhith ga ghiullachd ann an Calcutta.

An dèidh a' chogaidh chaidh an casg a thogail agus ghluais luchd-gnothachais an obair giullachd a Chalcutta a-rithist gus am biodh na prìsean aca na b' ìsle na prìsean an diut a bh' air a ghiullachd ann an Dùn Dèagh.

Àiteachas

Bha oidhirp a' chogaidh a' cur feum an dà chuid air biadh gu leòr do dhaoine agus fodar gu leòr dha na beathaichean. Bha Breatainn a' cur feum air na deichean mhìltean de dh'eich airson còmhdhail is giùlan, chan ann a-mhàin ann am Breatainn fhèin, ach cuideachd air an Aghaidh an Iar, agus nuair a thòisich an cogadh cha robh Breatainn a' dèanamh biadh gu leòr dhan h-uile duine.

Ann an 1914 cha robh Breatainn a' dèanamh ach 40% dhen bhiadh a bha ga ithe. Ann an seachdain cha robh Breatainn a' dèanamh de bhiadh ach na mhaireadh trì latha. Airson nan lathaichean eile bha feum air biadh a thoirt a-steach à dùthchannan eile mar feòil à Argentina, feòil chaorach agus bathar bainne à Astràilia agus à Sealan Nuadh agus cruithneachd às na SA agus à Canada.

Ron chogadh

Ron chogadh, bha amannan doirbh ro thuathanaich Bhreatainn oir bha am poball ag iarraidh biadh saor agus dh'adhbhraich sin gun robh barrachd bìdh ga thoirt a-steach à dùthchannan eile. Nuair a thòisich an cogadh, bha steach-bhathar ann an cunnart air sgàth iomairt nam bàt'-aigil Gearmailteach a bha a' feuchainn ri toirt air Breatainn gèilleadh leis an acras. San Dàmhair 1915, nuair a chuir a' Ghearmailt stad air a' chiad iomairt le bàtaichean-aigil, bha iad air 900,000 tunna de bhàtaichean Breatannach a chur fodha. Mar sin dh'fhàs biadh à Breatainn fhèin na bu chudromaiche.

An toiseach, fhuair na tuathanaich buannachd air sgàth 's gun robh barrachd iarrtais ann. Mar eisimpleir ann an 1917 cheannaich an riaghaltas a h-uile sgath clòimhe a chaidh a rùsgadh san rìoghachd airson èideadh agus plaideachan a dhèanamh dhan arm, agus ann an 1918 bha prìs nan caorach 60% na b' àirde na bha e ann an 1914.

Aig an aon àm, dhùblaich an tuarastal aig luchd-treabhaidh agus aig cìobairean. Fad a' chogaidh rinn iomadh tuathanach airgead air sgàth 's gun robh feum air barrachd bìdh agus barrachd bheathaichean.

B' e na prìomh dhuilgheadasan a bh' aig tuathanasan gun do chaill iad fireannaich nuair a chaidh iad dhan arm agus cuideachd mòran dhe na h-eich aca oir chaidh iadsan cuideachd dhan chogadh. Fhuaradh thairis air na duilgheadasan sin le bhith a' dèanamh barrachd feum de dh'innealan mar a' chiad thractairean. Chaidh boireannaich, gillean, fir na bu shine agus feadhainn a bha an aghaidh a' chogaidh air sgàth an cogais a chleachdadh an àite nam fear a chaidh dhan arm.