Buill-airm agus smachd an riaghaltais

Sgainneal nan Sligean

Ann an 1915, bha a' choire a' dol air droch shligean làmhachais airson gun do dh'fhaillich air Breatainn buaidh fhaighinn air an Aghaidh an Iar.

Thàinig 'Sgainneal nan Sligean' gu bhith na dhragh nas fharsainge mu sholarachadh bhall-airm is armachd. Bha an riaghaltas mar sin gu math draghail mu chunnart sam bith a dh'fhaodadh briseadh a thoirt ann an gnìomhachasan trom Alba oir bha iad uile air an eadar-cheangal airson an solarachadh a chumail a' dol.

Stailcean air fàire

Ann an 1915, bha an riaghaltas mar-thà air gèilleadh dhan fheadhainn a bh' air stailc a thaobh a' mhàil agus do luchd-obrach nam factaraidhean a chaidh air stailc gus taic a thoirt dhaibh, ach bha an riaghaltas a-nis na bu chruaidhe orra.

Chuir an riaghaltas an gnìomh Achd nam Ball-airm is na h-Armachd. Chuir an Achd bacadh air luchd-obrach bho bhith a' fàgail an obair agus a' gluasad gu obair ùr gun chead bhon luchd-fastaidh aca. Bha seo ag aithneachadh gun robh eaconamaidh na dùthcha a-nis na h-eaconamaidh cogaidh a bha ag amas air barrachd obair-dèanaimh, agus air briseadh san obair a lùghdachadh.

Bha gnìomhachasan traidiseanta Alba riatanach airson an cogadh a chumail a' dol, agus nan tigeadh briseadh sam bith sna gnìomhachasan sin, bha Breatainn ann an cunnart an cogadh a chall.