Buaidh a' chogaidh air gnìomhachas

Bha gual, iarann, stàilinn agus obair fhighte riatanach dhan chogadh. Às aonais guail, chan obraicheadh rèile Bhreatainn no a' Chabhlach Rìoghail. Às aonais iarainn agus stàilinn, cha b' urrainn do ghnìomhachas nam ball-airm no do ghnìomhachas innleadaireachd na h-urchraichean, na sligean, an làmhachas, a' uèir bhiorach, na tancaichean no na bàtaichean air an robh feum sa chogadh a dhèanamh.

Bha obair bhon Nèibhidh mus do thòisich an cogadh air na gàrraidhean-iarainn a shàbhaladh mar-thà. Nuair a thòisich an cogadh, ghabh an Cabhlach Rìoghail thairis na prìomh ghàrraidhean-iarainn air Abhainn Chluaidh airson barrachd longan-cogaidh a thogail. Ach, thàinig crìonadh mòr air gnìomhachasan Alba an dèidh a' Chiad Chogaidh seach nach robh uimhir de dh'iarrtas ann airson na stuthan sin.