Listening passage, transcript and key words

Listening practice monologue – Living and working in Canada.

Full transcript - Living and working abroad - monologue

Chaidh Iain Mac a' Ghobhainn a Chanada airson dà bhliadhna gus obair a dhèanamh air tuathanas ann am Manitoba ann am meadhan na dùthcha. Bhiodh Iain ag obair air croit a sheanar anns an Eilean Sgitheanach agus 's e ceanglaichean teaghlaich a thug cothrom dha a dhol a-null thairis. Bha bràthair a mhàthar ag obair ann am Manitoba agus b' esan a chuir post-dealain gu Iain ag innse gun robh cuideigin ga shireadh airson obair tractar air tuathanas ann an sin.

Cha robh Iain cinnteach an toiseach. Bidh i reòite fuar sa gheamhradh ann am Manitoba agus chan eil am fuachd a' còrdadh ris, ach ghabh e an cothrom agus ann an ùine nach robh fada bha e air a' phrèiridh ann an Canada. Ged a bha na làithean glè fhada, chòrd an obair ris gu mòr agus cha robh an cianalas air. Bha an sluagh uabhasach càirdeil. Bha mòran dhaoine le teaghlach Albannach a' fuireach san sgìre agus bhiodh Iain a' cluich na pìob aig partaidhean.

Às dèidh dha Iain sgur a dh'obair, ghabh e cuairt timcheall Chanada airson sia mìosan. 'S e an dara dùthaich as motha san t-saoghal a th' ann, agus ged a chaidh e on taobh siar chun an taobh sear, chan fhaca e ach glè bheag dheth. B' e Montreal am baile a b' fheàrr leis, bha e làn de dh'eachdraidh agus de chultar.

Bha Iain toilichte tilleadh dhachaigh ge-tà. Cha robh e ro mheasail air a' bhiadh ann an Ameireaga a Tuath idir. Bha cus siùcair agus geir ann, agus bhiodh sliseagan ri fhaotainn leis a h-uile càil. Shaoil e nach robh e idir fallain. Bha e air a dhòigh brot math a mhàthar fhaighinn nuair a ràinig e a dhachaigh.

Key vocabulary from this Revision Guide and Test

Meadhan na dùthcha – the middle of the country
Thall thairis – abroad
Ceanglaichean – connections, links
Post-dealain – email
Cuideigin – somebody
Cinnteach – sure
Reòite fuar – freezing cold
An sluagh – the people
Am prèiridh – the prairie
San sgìre – in the area
An dara dùthaich as motha – the second largest country
Chan fhaca e ach glè bheag dheth – he only saw a little of it
Geir – fat
Bha e air a dhòigh – he was delighted
Move on to Test
next