Sna 1950an agus tràth sna 1960an, chaidh an dàimh eadar na SA agus an t-Aonadh Sòbhieteach bhuaithe. Bha iad an impis a dhol a chogadh air sgàth grunn nithean a thachair, mar Ar-a-mach na h-Ungaire.
Lorg plèan-faire U2 nan SA urchraichean ann an Cuba. Bha ionadan gan togail airson urchraichean a losgadh.
Chaidh innse dhan Cheann-suidhe Kennedy mu na h-urchraichean ann an Cuba. Dh'iarr Kennedy coinneamh dhen luchd-comhairleachaidh aca – EXCOMM (Executive Committee of the National Security Council). Bha aig EXCOMM ri co-dhùnadh dè bu chòir a bhith air a dhèanamh. Am measg nan roghainnean bha:
Cha robh aonta aig EXCOMM – bha cuid airson ionnsaigh agus cuid eile airson còmhradh.
Chuir Kennedy roimhe bacadh-malairt a chur air Cuba. Chaidh rabhadh èiginneach a thoirt do fheachdan nan SA. Bhruidhinn Kennedy ri poball nan SA agus ris an t-saoghal air an telebhisean. Thuirt e gun robh urchraichean Sòbhieteach ann an Cuba agus gun robh na SA a' cur bacadh air an eilean.
Thionndaidh bàtaichean Sòbhieteach mus do ràinig iad am bacadh.
Chuir Khrushchev a' chiad litir gu Kennedy. Gheall e gun deigheadh na h-urchraichean a thoirt à Cuba nan deigheadh stad a chur air a' bhacadh.
Mus robh cothrom ann an litir a fhreagairt, chuir Khrushchev an dara litir. Dh'iarr e urchraichean nan SA a thoirt às an Tuirc.
Ghabh Kennedy ris a' chiad litir. Bhruidhinn an Ceannard-lagha, Raibert Kennedy, ri Anatoly Dobrynin, an Tosgaire Sòbhieteach, mu dheidhinn mar a ghabhadh a' chùis-èiginn a rèiteachadh. Gheall e gun toireadh na SA na h-urchraichean às an Tuirc. Ach cha robh sin ri innse dhan phoball aig an àm.
Chaidh urchraichean nan SA a thoirt às an Tuirc, ach b' e aonta dìomhair a bha an sin. Bha coltas air Khrushchev nach do choilean e dad. Chaidh a chur às a dhreuchd ann an 1964, agus b' e seo pàirt dhen adhbhar.
Chaidh 'Loidhne Theth Moscow-Washington' a chruthachadh ann an 1963 gus comas a thoirt do cheannardan nam mòr-dhùthchannan bruidhinn gu dìreach ri chèile. B' urrainn do cheannardan nan SA agus an USSR teachdaireachdan a chur gu chèile. Shoidhnig na SA, an USSR agus Breatainn Aonta Casg nan Deuchainnean (Test Ban Treaty) ann an 1963, agus chuir sin casg air deuchainnean air urchraichean niùclasach san àile.
Gabhaidh àm an Détente a mhìneachadh mar thoradh air cho faisg is a thàinig an saoghal air cogadh niùclasach rè Cùis-èiginn Urchraichean Chuba. An cois sin thàinig miann air dàimhean nas fheàrr eadar na SA agus an USSR.