Cùis-èiginn Urchraichean Chuba (1962)

Adhbharan airson na cùis-èiginn

Ann an 1959 ghluais fòcas a' Chogaidh Fhuair bhon Roinn Eòrpa gu Meadhan Ameireaga agus gu Cuba. Theab cogadh niùclasach, agus sgrios a bhith air feadh an t-saoghail, air sgàth na cùis-èiginn a thachair mu Chuba san Dàmhair, 1962. Fhuair na SA a-mach gun robh an USSR a' togail ionadan urchraichean airson bhall-airm niùclasach ann an Cuba. Chaidh na h-urchraichean a chur ann gun fhiosta dha na SA.

An Seanalair Fulgencio Batista
An Seanalair Fulgencio Batista

Ar-a-mach comannach (1959)

Fidel Castro a' bruidhinn às dèidh buaidh san ar-a-mach
Fidel Castro a' bruidhinn às dèidh buaidh san ar-a-mach

Bho 1952, bha Cuba air a riaghladh leis an deachdaire Seanalair Batista. Bha a' mhòr-chuid de ghnothachas Chuba fo smachd chompanaidhean Ameireaganach. Ann an 1959, chuir gluasad ar-a-mach le Fidel Castro os a chionn, Batista às a dhreuchd. Dh'òrdanaich Castro gun gabhadh an stàit thairis a h-uile gnìomhachas a bhuineadh dha na SA.

Chuir Castro taic ri comannachd

Tha Cuba 90 mìle à Florada. Bha uallach mòr air Ameireaga gun robh riaghaltas comannach cho faisg oirre. A rèir Teòiridh Domino, dh'fhaodadh comannachd sgaoileadh a dh'Ameireaga a Deas, agus fiù 's dha na SA fhèin.

Mòr-thubaist Bàgh nam Muc (1961)

Thàinig John F Kennedy gu bhith na Cheann-suidhe ann an 1961 agus bha plana CIA mar dhìleab aige Castro a chur às a dhreuchd le cogadh. Air 17 Giblean, chaidh 1,500 fògarrach à Cuba, a bh' air an trèanadh leis an CIA, air tìr ann an Cuba. Bha còir aig Feachd-adhair nan SA na fògarraich a dhìon.

Air sgàth 's nach robh taic eadar-nàiseanta ann, chaidh taic-adhair a tharraing air ais – chaidh na fògarraich fhàgail gun taic. Bha na saighdearan aig Castro air an uidheamachadh le armachd agus tancaichean Sòbhieteach, agus chuir iad fodha arm fògarrach Chuba. Ro 20 Giblean, bha na fògarraich marbh no sa phrìosan. Bha sin na chùis-nàire uabhasach dha na SA agus dhan Cheann-suidhe ùr, Kennedy.

Castro ag iarraidh cuideachadh bhon USSR

Chuir na SA bacadh air bathar à Cuba; bha sin a' ciallachadh gun robh e doirbh do mhuinntir Chuba tighinn beò. Dh'fheumadh iad dùthaich eile airson malairt rithe. Bha eagal air Castro gun toireadh na SA ionnsaigh eile air Cuba. Thionndaidh e gu na Sòbhietich agus bha iadsan deònach a chuideachadh.

Khrushchev

Bha Kennedy na Cheann-suidhe ùr, òg agus smaoinich Khrushchev gum biodh e lag agus mì-chinnteach às fhèin. Cha do rinn Kennedy càil an aghaidh Balla Bherlin a thogail. Bha Khrushchev dhen bheachd nach dèanadh e càil mu dheidhinn urchraichean Sòbhieteach a bhith ann an Cuba. Bha cuideam air Khrushchev seach gun tàinig air Balla Bherlin a thogail, cha robh coltas gun robh riaghaltasan comannach a' còrdadh ri daoine. Bha NATO air urchraichean niùclasach a chur dhan Tuirc agus ruigeadh iad Moscow.