Tachartasan rè na cùis-èiginn

13 Lùnastal 1961

Thug Khrushchev, agus Walter Ulbricht, Ceannard na Gearmailt an Ear, òrdan seachad a' chrìoch eadar Berlin an Ear agus an Iar a dhùnadh. Dhùin poilis agus saighdearan na Gearmailt an Ear na crìochan a bu mhotha a bh' air an cleachdadh le uèir bhiorach.

Saighdearan na Gearmailt an Ear a' dùnadh a' chrìoch eadar Berlin an Iar agus an Ear
Saighdearan na Gearmailt an Ear a' dùnadh a' chrìoch eadar Berlin an Iar agus an Ear

17 Lùnastal 1961

Tùr-faire faisg air Berlin
Tùr-faire faisg air Berlin

Thòisich na saighdearan Sòbhieteach air balla concrait a chur an àite na uèir. Mu dheireadh, bha còrr is ceud mìle a dh'fhaid sa Bhalla. Cha b' e a-mhàin gun robh e a' dol tro mheadhan Bherlin, ach bha e a' dol timcheall air Berlin an Iar agus ga ghearradh dheth bhon Ghearmailt an Ear. Bha pàirt dhen bhalla trì meatairean a dh'àirde.

Bha Balla Bherlin mu dheireadh mar dhaingneachd làidir le tùir-fhaire, coin-gheàird, innealan a dheigheadh an aghaidh thancaichean, dìgean, uèir bhiorach, solais chumhachdach agus raoin-mhèinnean gus nach faigheadh daoine teiche. Chaidh togalaichean a bha a' coimhead thairis air a' bhalla a leagail, no chaidh na h-uinneagan a dhùnadh le breigichean, gus nach deigheadh aig daoine air leum bhuapa. Cha robh ach aon dòigh laghail air a dhol thairis air a' chrìch agus b' e sin tro na h-ionadan-dearbhaidh, agus bha dìon làidir orra sin.

Aithisg naidheachdan a' BhBC air togail a' bhalla

Buaidh na cùis-èiginn

Bha smachd gu tur a-nis aig Riaghaltas na Gearmailt an Ear air an roinn acasan dhen bhaile, agus b' urrainn dhaibh stad a chur air daoine fàgail no tighinn ann. Thathar a' meas gun do chaochail còrr is 260 neach agus iad a' feuchainn ri teiche. Fhuair na mìltean dhaoine dòighean air teiche. Bhiodh iad a' cladhach thunailean, a' cleachdadh bhailiùnaichean le èadhar teth, agus a' dol am falach ann an càraichean no san deireadh aca.

Na rinn an Taobh an Iar

Chuir ceannardan an taoibh an Iar an aghaidh seo, ach cha robh mòran ann a b' urrainn dhaibh a dhèanamh. Bha muinntir na Gearmailt an Ear (fo òrdugh Sòbhieteach) dhen bheachd nach biodh Cumhachdan an Taoibh an Iar airson a dhol a chogadh gus stad a chur orra bho bhith a' togail Balla Bherlin. Ann an 1963, thadhail an Ceann-suidhe Kennedy air Berlin airson a ràdh ri muinntir Bherlin nach cuireadh Ameireaga cùl riutha.

Bha am Balla na chùis-nàire do chomannachd. Bha e mar gum feumadh riaghaltasan comannach daoine a 'ghlasadh' a-staigh gun fhios nach teicheadh iad. B' e buannachd a bha seo dhan Iar a thaobh propaganda. Bha am Balla ann gu 1989.

Balla Bherlin ga leagail