Cùis-èiginn Bherlin (1961)

Adhbharan na cùis-èiginn

Bha barrachd is barrachd eadar-dhealachaidh eadar an dòigh-beatha san Iar agus san Ear. Ann am Berlin an Iar agus sa Ghearmailt an Iar, thàinig an eaconamaidh air adhart gu math. Chaidh mòran obraichean, le pàigheadh reusanta, a chruthachadh air sgàth ath-thogail agus cobhair dhan eaconamaidh bho na SA. Thòisich iomadh gnìomhachas ùr, bha saorsa cainnte aig daoine agus a' chòir an riaghaltas fhèin a thaghadh.

Ann am Berlin an Ear agus sa Ghearmailt an Ear, bha an suidheachadh eaconamach fada, fada na bu mhiosa na bha e san Iar. Bha biadh agus taigheadas gann, cha robh uiread de dh'obraichean ann agus cha robh am pàigheadh cho math. Cha robh uiread de shaorsa ann agus bha am Pàrtaidh Comannach a' riaghladh.

Comannachd sa Ghearmailt an Ear

Bha Berlin an Iar mar 'Uinneag dhan Iar'. Bha sin a' ciallachadh gum faiceadh daoine ann am Berlin an Ear mar a bha an dòigh-beatha san Iar. Thòisich daoine a' teiche dhan Iar – 2,000 gach latha bho 1949. Bha an t-slighe a b' fhasa a-steach a Bherlin an Iar. Bha mòran dhe na theich nam proifeiseantaich òga, ionnsaichte.

Èiginn U2 (1960)

Air 1 Cèitean 1960, loisg na Sòbhietich air plèan-faire U2 Ameireaganach. B' fheudar do dh'Ameireaga aideachadh gur e plèan-faire a bh' ann nuair a nochd na Ruiseanaich leis a' phìleat, Gary Powers.

Bha Co-labhairt eadar Dhùthchannan air a chur air dòigh ann am Paris mus deach am plèan a cur sìos. Thachair sin air 14 Chèitean. Bha Khrushchev agus Eisenhower, Ceann-suidhe nan SA, gu bhith a' bruidhinn air rèis nam ball-airm. Dh'iarr Khrushchev air Eisenhower a ràdh gun robh e duilich. Dhiùlt Eisenhower agus bha Khrushchev cho feargach 's nach deach e chun a' cho-labhairt.

Chaidh dàimhean eadar na SA agus an USSR bhuaithe mar thoradh air an sin – smaoinich Khrushchev gum faigheadh e fuasgladh air ceist Bherlin ann an dòighean eile.

Aig Co-labhairt Vienna (1961), dhiùlt Kennedy, Ceann-suidhe nan SA, saighdearan NATO a ghluasad à Berlin.

Bha ceannardan Sòbhieteach agus ceannardan na Gearmailt an Ear airson stad a chur air na bha de dh'fhògarraich a' sruthadh dhan Iar. Bha an àireamh a-nis aig 3 millean, le 3,000 a' fàgail gach latha.