An Cogadh Fuar an dèidh bàs Stalin

An dèidh bàs Stalin ann an 1953, bha coltas nach biodh an Cogadh Fuar buileach cho fuar. Bha Khrushchev, an ceannard ùr, ag iarraidh sìth. Ann an 1959 thuirt e, tha dà dhòigh ann: an dara cuid a bhith beò gu sìtheil còmhla no an cogadh as motha a nì de sgrios ann an eachdraidh. Chan eil an treas dòigh ann.

Ach bha duilgheadasan ge-tà san Roinn Eòrpa an Ear fad nan 1950an agus toiseach nan 1960an. Sgaoil an Cogadh Fuar fiù 's dhan Charibbean.

A' gabhail smachd air an Roinn Eòrpa an Ear

Ar-a-mach san Ungair (1956)

Bha An Ungair am measg dhùthchannan na Roinn Eòrpa an Ear agus bha i na ball de dh'Aonta Warsaw.

Adhbharan airson an ar-a-mach

  1. Bha an USSR a' faicinn na Roinn Eòrpa an Ear mar Shòn Bufair de dhùthchannan a dhìonadh an USSR bho ionnsaigh a dh'fhaodadh tighinn bhon Iar. Bha an USSR airson smachd a chumail air an Roinn an Ear airson a bhith cinnteach gum biodh iad sàbhailte.
  2. Sa Chèitean 1955, chaidh Aonta Warsaw a stèidheachadh – caidreachas armailteach a bha fo smachd an USSR. Cha robh smachd aig dùthchannan na Roinn Eòrpa an Ear air am poileasaidh cèin fhèin.
  3. Rinn Khrushchev, an ceannard Sòbhieteach, 'Òraid Dhìomhair' sa Ghearran 1956 agus chàin e Stalin agus mar a bha e a' ruith an USSR. Bha na ceannardan comannach ann am mòran dhùthchannan na Roinn Eòrpa an Ear air an cur an dreuchd, no air am moladh, le Stalin. Bha iad air a bhith a' ruith nan dùthchannan aca san aon dòigh san robh Stalin air a bhith a' ruith na Ruis. Bhrosnaich sin An Ungair gu bhith a' faighinn cuidhteas nan ceannardan aca a bha air taobh Stalin.
  4. Bha biadh agus connadh gann san Ungair ann an 1956.
Chaidh ìomhaigh Stalin a leagail rè Ar-a-mach na h-Ungaire
Chaidh ìomhaigh Stalin a leagail rè Ar-a-mach na h-Ungaire

Tachartasan rè an ar-a-mach

Loidhne-tìm de thachartasan rè an ar-a-mach
DeitTachartas
An t-Iuchar 1956Thug an USSR òrdan gum bu chòir Gero a chur an àite Rakosi, Prìomh Mhinistear na h-Ungair. Bha iad an dòchas nach biodh uiread de dh'an-fhois ann mar sin.
23 Dàmhair 1956Bha oileanaich is luchd-obrach a' togail fianais ann am Budapest agus iad ag iarraidh deamocrasaidh, saorsa bhon USSR agus saorsa cainnte. Chaidh buill dhen AVO (poilis dhìomhair) a mharbhadh, ìomhaighean Sòbhieteach a leagail agus ionnsaigh a thoirt air comannaich.
24 Dàmhair 1956Chaidh tancaichean agus saighdearan Sòbhieteach a-steach a Bhudapest. Chaidh 12 Ungarach a mharbhadh agus barrachd a leòn. Chaidh Imre Nagy, ceannard nach robh buileach cho daingeann, a chur an àite Gero mar Phrìomh Mhinistear.
28 Dàmhair 1956Chaidh tancaichean Sòbhieteach a tharraing a-mach à Budapest. Bha dùbhlanaich fhathast ag iarraidh barrachd saorsa. Rinn iad soilleir gun robh iad airson faighinn cuidhteas a' Phàrtaidh Chomannaich agus Aonta Warsaw fhàgail.
1 Samhain 1956Ghabh Nagy ri iarrtasan nan reubaltach. Thuirt e gun cumadh An Ungair taghaidhean deamocratach agus gum fàgadh iad Aonta Warsaw.
3 Samhain 1956Chaidh co-bhanntachd a chruthachadh fo Nagy.
4 Samhain 1956Chuir Khrushchev an t-Arm Dearg air ais dhan Ungair agus a Bhudapest. Bha saoranaich Ungarach a' sabaid ri saighdearan Sòbhieteach ann am Budapest.
10 Samhain 1956Chaidh aonta-sìth aontachadh.
Saighdearan-saorsa nan suidhe air tanca ann am Budapest le bratach na h-Ungaire gun Shuaicheantas
Saighdearan-saorsa nan suidhe air tanca ann am Budapest le bratach na h-Ungaire gun Shuaicheantas

Buaidh an ar-a-mach

  • Chaidh mu 3,000 Ungarach a mharbhadh.
  • Theich mu 200,000 a-null thairis nam fògarraich.
  • B' fheudar do Nagy a dhreuchd a leigeil dheth agus dh'fheuch e ri teiche a Iùgoslabhia. Chuir an USSR Kadar na àite.
  • Chaidh Nagy a ghlacadh agus a chur gu bàs.
  • Bha Khrushchev air dearbhadh nach robh e uabhasach eadar-dhealaichte bho Stalin. Bha an Roinn Eòrpa gu bhith air a cumail gu math teann fo smachd nan Sòbhieteach.