A' fuasgladh cheistean le Teoraidh Phythagoras

Question
Right-angled triangle with values x, 14 and 30m

Tha càball ceangailte ri post, 30 meatair os cionn na talmhainn.

Tha ceann eile a' chàbaill 14 meatairean bho bhonn a' phuist.

A rèir nan riaghailtean, feumaidh nas lugha na 35 meatairean a bhith sa chàball.

A bheil an càball a rèir nan riaghailtean?

Thoir adhbhar airson do fhreagairt.

{x^2} = {30^2} + {14^2}

{x^2} = 900 + 196

{x^2} = 1096

x = \sqrt {1096}

x = 33.1 \,(gu\,1\,id.)

Tha. Tha e a rèir nan riaghailtean oir tha 33.1 m nas lugha na 35 m.

A' cleachdadh Pythagoras le co-chomharran

Faodaidh sinn Pythagoras a chleachdadh cuideachd gus an t-astar eadar dà phuing obrachadh a-mach.

Question

Ma tha na co-chomharran (3, 4) aig A agus na co-chomharran (10, 12) aig B, obraich a-mach faid AB. Thoir do fhreagairt gu aon ionad deicheach.

Cuir na co-chomharran air graf.

Graph with x and y axis with points A (3, 4) and B (10, 12)

Ceangail A ri B gus an loidhne AB a shealltainn agus an uair sin cruthaich triantan ceart-cheàrnach.

Graph with x and y axis with points A (3, 4) and B (10, 12), forming a triangle of 7 x 8

{a^2} = {b^2} + {c^2}

{a^2} = {8^2} + {7^2}

{a^2} = 64 + 49

{a^2} = 113

a = \sqrt {113}

a = 10.6 \,(gu\,1\,id.)

'S e faid AB 10.6 aonadan.

Move on to Video
next