Factaran a' toirt buaidh air reat-breith agus reat-bàis

Àireamh-sluaigh a' fàs

Bha àireamh-sluaigh an t-saoghail an ìre mhath ìosal agus stèidheil gu na 1950an agus an uair sin thàinig àrdachadh mòr. Bhon uair sin, tha an àireamh-sluaigh air a bhith a' dol suas gu luath. Ann an 2011 chaidh an àireamh seachad air 7 billean. Tha a' chuid as motha dhen àrdachadh san àireamh-sluaigh a-rithist ann an dùthchannan fo leasachadh.

A bheil àireamh-sluaigh an t-saoghail thar smachd?

F‡s ris a bheil d˘il ann an ‡ireamh-sluaigh an t-saoghail 1950-2050Fàs ris a bheil dùil ann an àireamh-sluaigh an t-saoghail 1950-2050

'S e na prìomh adhbharan airson an àrdachaidh seo gun deach an reat-bàis air feadh an t-saoghail sìos agus gun do dh'fhuirich an reat-breith glè àrd. Bha sin a' ciallachadh gun robh barrachd dhaoine gam breith na bha a' bàsachadh, agus mar sin dh'fhàs an àireamh-sluaigh. Canar àrdachadh nàdarra ris an diofar eadar reat-breith agus reat-bàis.

Carson a tha àireamhan-sluaigh ag atharrachadh?

Ann an dùthchannan leasaichte lethid na Rìoghachd Aonaichte (RA), tha an dà chuid an reat-breith agus an reat-bàis ìosal.

Tha an reat-breith ìosal oir:

  • tha inbhe nas fheàrr aig boireannaich
  • tha casg-gin agus comhairle air planadh teaghlaich nas fhasa fhaotainn
  • tha dreuchdan nas cudromaiche do chuid a dhaoine na teaghlach a bhith aca
  • tha a' chosgais airson teaghlach a thogail air a dhol suas
  • tha daoine nas fhaide gun phòsadh agus chan eil uiread de chothrom aca teaghlach mòr a bhith aca
  • tha barrachd iarraidh aig cuid a dhaoine air nithean mar càraichean agus saor-làithean seach clann a bhith aca

Tha an reat-bàis ìosal air sgàth:

  • adhartas ann an leigheas, me cot-blàthachaidh do leanaban
  • banachdachdan an aghaidh ghalaran, me a' ghriùthrach
  • piseach air uisge agus slàintealachd
  • dòighean nas fheàrr air biadh a dhèanamh agus a ghleidheadh
  • còmhdhail nas fheàrr airson biadh
  • reat-bàis nas ìsle am measg leanaban

Mar sin tha an àireamh-sluaigh ann an dùthchannan leasaichte an ìre mhath stèidheil agus chan eil e a' dol suas no sìos mòran.

Ann an dùthchannan fo leasachadh, mar na h-Innseachan, tha an reat-bàis air a dhol sìos ach tha an reit-breith fhathast àrd.

Tha reatan-breith àrd oir:

  • tha feum air clann airson obair a dhèanamh agus airson airgead a chosnadh dhan teaghlach
  • tha feum air clann airson gun coimhead iad às dèidh am pàrantan nuair a bhios iad sean oir chan eil peinnseanan ann
  • chan eil fiosrachadh aig daoine mu chasg-gin no mu phlanadh teaghlaich agus chan eil sin ri fhaotainn
  • tha reat-bàis àrd am measg leanaban, agus mar sin tha barrachd chloinne aig daoine oir tha iad an dòchas gum bi cuid dhiubh beò gus inbheachd a ruighinn
  • tha cuid de chreideamhan a' moladh theaghlaichean mòra
  • ann an cuid de dhùthchannan fo leasachadh, faodaidh clann a bhith nan comharra air fearalachd

Tha reatan-bàis gu math àrd oir:

  • tha biadh gann air sgàth gòrt
  • tha droch dhaithead ag adhbharachadh dìth-beathachaidh
  • tha slàintealachd truagh agus chan eil uisge glan ann
  • tha mòr-thubaistean nàdarra a' sgrios bàrr
  • tha galaran pailt, me mailèiria
  • Chan eil dotairean, cungaidhean-leigheis no cùram pailt
  • tha cogadh ann

Seach gu bheil reatan-breith nas àirde na reatan-bàis, tha an àireamh-sluaigh a' fàs gu luath ann an dùthchannan fo leasachadh.

Move on to Test
next