Freumh, gnìomh-ainmear agus gnìomh-ainmear rùnach

Freumh, gnìomh-ainmear agus gnìomh-ainmear rùnach

Tha gnìomhairean cudromach. Bidh iad a' riaghladh seantans.

Faodaidh tu pìos sgrìobhaidh a thoirt beò le bhith a' taghadh ghnìomhairean gu faiceallach.

Seo eisimpleir de fhreumh ghnìomhairean:

  • èist
  • cuir
  • fuirich
  • òl
  • pòs
  • snàmh

Bu chòir dhan fhaclair an gnìomh-ainmear innse dhut cuideachd.

Bhon ghnìomh-ainmear faodaidh tu an gnìomh-ainmear rùnach fhaighinn. Mar eisimpleir:

An gnìomh-ainmear agus an gnìomh-ainmear rùnach
An gnìomh-ainmearAn gnìomh-ainmear rùnach
a' snàmha shnàmh
a' cura chur
a' pòsadha phòsadh
ag èisteachda dh'èisteachd
ag òla dh'òl
a' fuireacha dh'fhuireach

Nuair a bhios tu a' cleachdadh gnìomh-ainmear rùnach bu chòir dhut a shèimheachadh (mas urrainn) agus am mion-fhacal a no a dh' a chur air a bheulaibh. Mar eisimpleir:

  • Tha mi a' dol a shnàmh
  • Dh'fhalbh Iain airson litir a chur dhan phost
  • Thuirt Anna gun robh i a' dol a phòsadh as t-samhradh
  • Bha sinn a' dol a dh'èisteachd ris a' phroifeasair

Tha a dh' air a chleachdadh air beulaibh gnìomh-ainmear rùnach a tha a' tòiseachadh le fuaimreag no le f+fuaimreag.