Caisead loidhne dhìreach

Tha an caisead ag innse dhuinn dè cho cas 's a tha loidhne. Mar sin mar as motha an caisead, 's ann as caise an loidhne.

'S e loidhne dhìreach a tha ag aomadh suas chun an taoibh dheis a th' ann an caisead dearbhte.

'S e loidhne dhìreach a tha ag aomadh sìos chun an taoibh dheis a th' ann an caisead àicheil.

Foirmle caiseid le co-chomharran

Bidh caisead na loidhne a tha a' ceangal A({x_1},{y_1}) ri B({x_2},{y_2}) air a sgrìobhadh mar {m_{AB}}.

{m_{AB}} = \frac{{{y_2} - {y_1}}}{{{x_2} - {x_1}}}

Diagram of a gradient line joining A(x1, y1) to B(x2, y2)