Abairtean ioma-theirmeach

'S e sreath de theirmean ailseabrach le cumhachdan de dhiofar luachan a th' ann an abairt ioma-theirmeach. Tha grunn fhaclan is abairtean a bhios a' nochdadh nuair a bhios tu a' dèiligeadh ri abairtean ioma-theirmeach: an ìre aig ioma-theirmeach, cumhachd, indeacs, co-èifeachdair, roinniche, quotient agus còrr. Mìnichidh sinn iad sin nuair a nochdas iad.

Tha 6{x^5} - 3{x^2} + 7 agus 4{x^2} - 8x nan abairtean ioma-theirmeach ann an x aig ìre 5 agus 2 fa leth.

'S e an ìre an indeacs (luach) aig a' chumhachd as motha. Feumaidh an luach seo a bhith na àireamh shlàn mus bi an abairt ioma-theirmeach.

Chan e abairt ioma-theirmeach a th' ann an 8\sqrt x  + 7{x^2} bhon a tha cumhachd bhloigheach ann (cuimhnich gun urrainn dhuinn \sqrt x a sgrìobhadh cuideachd mar {x^{\frac{1}{2}}}).

Chan e abairt ioma-theirmeach a th' ann an 7{x^2} + \frac{4}{{{x^2}}} nas mò bhon a tha cumhachd àicheil ann.