Sgilean àireamhachd

A' tilleadh an atharrachaidh

Seo dòigh air obrachadh air ais air ceist cheudadan airson an t-sùim thùsail a lorg.

Airson seo a dhèanamh, bidh sinn:

  1. An dara cuid a' cur-ris/a' toirt-air-falbh a' cheudaid sa cheist bho 100% gus an ceudad a tha againn obrachadh a-mach
  2. A' lorg 1% le bhith a' roinn a' cheudaid a lorg sinn sa chiad cheum
  3. A' lorg 100% (an t-sùim thùsail) le bhith ag iomadachadh do fhreagairt ann an ceum 2 le 100

Eisimpleir

Tha bùth a' tabhann 30% far a h-uile sìon. Tha paidhir bhròg a' cosg £84 anns an t-seul. Obraich a-mach dè bha na brògan a' cosg ron t-seul.

\[Seul\, \,30\% \to (100\% - 30\% = 70\% )\]

70% de chosgais nam bròg = £84

\[1\% \to 84 \div 70 = \pounds1.20\]

\[100\% \to \pounds1.20 \times 100 = \pounds120\]

Bha na brogan a' cosg £120 ron t-seul.

Feuch a-nis a' cheist san eisimpleir gu h-ìosal.

Question

An dèidh àrdachadh tuarastail de 4%, bha Bill a' cosnadh £1248 gach mìos.

Obraich a-mach dè bha Bill a' cosnadh gach mìos mus d' fhuair e àrdachadh.

\(4\% \,\text{àrdachadh}\), mar sin:

\[100\% + 4\% = 104\%\]

\[104\% = \pounds1248\]

\[1\% = \pounds1248 \div 104\]

\[= \pounds12\]

\[100\% = \pounds12 \times 100\]

\[= \pounds1200\]

Bha Bill a' cosnadh £1200 gach mìos mus d' fhuair e àrdachadh tuarastail.