Pàtrain tuineachaidh

In-imrichean às an Eadailt

Cia mheud?

Thòisich Eadailtich air tighinn a dh'Alba sna 1870an, le mòran a' fàgail na h-Eadailt sna 1890an.

Bha mu 4,000 Eadailteach ann an Alba ann an 1920.

Aig deireadh a' Chiad Chogaidh Mhòir, bha coimhearsnachdan mòra ann an Glaschu, Inbhir Chluaidh agus Dùn Èideann.

Càit an do sheatlaig iad?

  • Sgaoil in-imrichean Eadailteach air feadh Alba.
  • Rinn iad an dachaighean an toiseach air an taobh an iar far an reiceadh iad ìomhaighean Caitligeach ris a' choimhearsnachd Chaitligich a bha a' sìor fàs an sin.

In-imrichean Iùdhach

Cia mheud?

Thòisich Iùdhaich a' tighinn a dh'Alba tràth sna 1820an, ged nach robh an àireamh mòr gu leòr airson coimhearsnachdan a stèidheachadh.

Sna 1880an, bha mu 300 Iùdhach a' fuireach ann an Glaschu. Bha an àireamh sin air a dhol suas gu nas lugha na 6,000 ann an 1900.

Bha àireamh nan Iùdhach ann an Glaschu air a dhol suas gu 10,000 sna 1930an. Bha sin gu ìre mar thoradh air Iùdhaich a theich bho dhroch làimhseachadh ann an Gearmailt nan Nadsaidheach agus san Roinn Eòrpa.

Càit an do sheatlaig iad?

  • Sheatlaig mòran dhe na h-Iùdhaich sna Gorbals ann an Glaschu tràth sna 1900an air sgàth 's gun robh taighean saor.
  • Mar a bha cuid dhe na h-Iùdhaich a' fàs beairteach, ghluais iad a sgìrean na b' fheàrr mar Pollokshields.
  • Mu dheireadh, bha coimhearsnachdan Iùdhach ann an Dùn Èideann, Obar Dheathain, An Eaglais Bhreac, Grianaig agus Inbhir Àir.