Pàtrain tuineachaidh

In-imrich à Èirinn

Cia mheud?

Àireamhan de dh'Èireannaich a' fuireach ann an Alba, 1841-1931
BliadhnaAn àireamh a rugadh an Èirinn, a' fuireach an AlbaCeudachd dhen àireamh-sluaigh
1841126,3214.8%
1851207,3677.2%
1861204,0836.7%
1881218,7455.9%
1901205,0644.6%
1921159,0203.3%
1931124,2962.6%

Eadar 1830 agus 1914 thàinig còrr is an treasamh de mhillean Èireannach a dh'Alba.

Càit an do sheatlaig iad?

  • Bha a' mhòr-chuid dhe na h-Èireannaich air taobh an iar Alba, gu h-àraidh ann an Glaschu.
  • Bha iad cuideachd ann am Pàislig, ann an Dùn Dèagh agus ann an Siorrachd Àir.
  • Bha àireamh na bu lugha ann an Dùn Èideann agus ann an Sruighlea.
  • Bha a' mhòr-chuid dhe na h-in-imrichean Èireannach nan in-imrichean eaconamach a bha a' lorg obair.