Dè th’ ann an adhbhar putaidh? Dè th’ ann an adhbhar tarraing? Tha an earrann seo a’ coimhead ri na ceistean sin is an ceangal ri in-imrich a dh’Alba aig deireadh an 19mh agus toiseach an 20mh linn.
B' e glè bheag de leasachadh gnìomhachais a bh' ann an Èirinn no san Eadailt. Cha robh an roghainn aig luchd-obrach gun obair gluasad dha na bailtean airson obair.
Bha a' mhòr-chuid de mhuinntir Èirinn gun fhoghlam agus cha b' urrainn dhaibh càil a dhèanamh ach a bhith nan obraichean no ri obair tuathanachais. Bha am pàigheadh airson obair tuathanachais glè bhochd.
Bha tuathanaich Èirinn an urra ri buntàta oir ghabhadh a chur air pìos beag fearainn. Thàinig gaiseadh sa bhuntàta ann an Èirinn eadar 1845 agus 1848. Dh'adhbhraich sin an Gort Mòr, nuair a dh'fhàg mu 2 mhillean neach Èirinn gus nach bàsaicheadh iad leis an acras.
Bha biadh gann san Eadailt mar thoradh air siostam àiteachais a bha fad air ais agus dìth gnìomhachais.
Cha robh ach coimhearsnachdan beaga de dh'Ìùdhaich ann an Dùn Èideann agus ann an Glaschu toiseach na 1800an. Dh'fhàs iad sin mar thoradh air Iùdhaich a bha a' teiche bhon droch làimhseachadh san Roinn Eòrpa an Ear.
Faisg air deireadh na 1800an agus tràth sna 1900an, theich mòran Iùdhach às an Ruis, às an Ugràin agus às a' Phòlainn. Bha iad a' feuchainn ri teiche bho na pogroms (ionnsaighean bho ghràisgean) a bha nan aghaidh.
Theich Iùdhaich às a' Ghearmailt agus an uair sin às an Roinn Eòrpa sna 1930an nuair a bha na Nadsaidhean gan geur-leanmhainn barrachd is barrachd.